Tha Rubha na Cananaich (Beurla: Chanonry Point)[1] no Gob na Cananaich[2] suidhichte eadar Ros Maircnidh agus a' Chananaich air costa an ear an Eilein Duibh. Tha an rubha a shìneadh anns an Linne Mhoireibh agus chithear Gearastan Dheòrsa air taobh eile na linne. 'S e aon de na h-àitichean as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte gus muc-bhiorach (Tursiops truncatus) fhaicinn bhon tìr.[3] Tha iad a' tighinn glè fhaisg chun an tràghad, gu h-araidh aig tìde-mhara lìonaidh. Tha peileagan agus ròin ghlasa cumanta an seo. Chithear dòbhran (Lutra lutra) bho àm gu àm cuideachd.

Rubha na Cananaich
a' coimhead air mucan-biorach aig Rubha na Cananaich

Chaidh taigh-solais a thogail air ceann Rubha na Cananaich ann an 1846. Bha e air a dhealbh le Alan Stevenson. Tha e 13 m a dh'àirde. Ann an 1984 chaidh dòigh-obrach an taighe-sholais atharrachadh gu fhèin-obrachail agus tha e fo chùram den Northern Lighthouse Board a-nis.[4]

Tha clach-chuimhneachain Choinnich Odhair air an rubha, am fear a tha ainmichte cuideachd mar the Brahan Seer. A rèir beul-aithris chaidh a mharbhadh an seo le Lady Seaforth ann an 1660 air sgàth 's nach bu toil leatha na fàidhireachdan aigesan.[5] Tha dà làrach campaibh faisg air an rubha agus tha a' chuid as motha den rubha a' gabhail a-steach an raon-goilf Fortrose and Rosemarkie Golf Club.

Iomraidhean

deasaich
  1. Rubha na Cananaich/Chanonry Point”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2017.
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 28. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2017.
  3. Our dolphins, birds and other wildlife(Beurla). Black Isle Info. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2017.
  4. Chanonry(Beurla). Northern Lighthouse Board. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2017.
  5. Chanonry Point(Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2017.

Dealbhan

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Ceanglaichean a-mach

deasaich