Dòmhnall Mac an Deòir
B' e neach-poileataigs na h-Alba a bha ann an Dòmhnall Mac an Deòir (no Dòmhnall Deòireach, Beurla: Donald Dewar). B' esan a' chiad Prìomh Ministear aig Alba.
Eachdraidh-bheatha
deasaichRugadh e ann an Glaschu agus chaidh e gu Acadamaidh Glaschu agus an uairsin gu Oilthigh Glaschu. 'S ann aig Oilthigh Glaschu a choinnich e Iain Smith, a bha às déidh sin 'na cheannard aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, aig comunn deasbaid an oilthigh.
Bha e na bhall de Phàrtaidh Làbarach na h-Alba agus den Phàrtaidh Làbarach Breatannach bho aois òg. Fhad 's a bha e ag obair ann an Glaschu mar neach-lagha chaidh a thaghadh 'na Bhall-Phàrlamaid airson an roinn-taghaidh Obar Dheathain a Deas, aig aois 28, anns an taghadh coitcheann 1966. Ann an 1970 dh'fhàg a bhean 's màthair an dithis cloinne e airson am fear-lagha Albannach Derry Irvine. Cha do rèitich an dithis fear a-riamh ged a bha iad còmhla anns an aon Chaibineat ann an 1997. Cha do phòs e a-rithist. Cuideachd ann an 1970 chaill e an seat aige anns an taghadh coitcheann 1970.
Thug e greis a mach a poileataigs anns na seachdadan ach thill e ann an 1978 mar Ball-Phàrlamaid ann san fhrith-thaghadh Glaschu Gart Sgadain.[1] Dh'èirich e gu luath troimh na h-ìrean agus ann an 1984 bha e 'na bhall den chaibineat dùbhlanach.
Pàrlamaid na h-Alba
deasaichAnn an 1997 nuair a bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann rinn Tony Blair e 'na Rùnaire Stàite na h-Alba. Anns an dreuchd seo b' urrainn dha cumail air leis a' phròiseact a thòisich Iain Smith mus do bhàsaich e - Achd na h-Alba. Thòisich agus bhrosnaich e an tiomnadh chumhachdan agus ann an 1999 thàinig an obair a rinn e gu buil nuair a fhuair Alba a ciad Phàrlamaid airson 300 bliadhna, agus chaidh esan a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear. Chaidh e cuideachd a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu Fearann Anna.
An obair mhór a bha e air dèanamh airson a' Phàrlamaid seo fhaighinn, thòisich e a' cur dragh air shlàinte agus bha aige ri obair-lannsa cridhe fhaighinn anns a' Chèitean 2000.
Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2000.[2]
Bàs
deasaichAir 10 an Dàmhair sa bhliadhna sin bha call-fala mòr aige na cheann. Bhàsaich e an ath latha ann an Ospadail Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann.[3] Bha an tìodhlacadh aige ann an Cathair-eaglais Glaschu agus bha bròn ann nach fhaiceadh sa bhaile roimhe airson neach-poileataigs. Chaidh a chorp a losgadh agus a luaithre a sgapadh aig Ceann Loch Gilb.
Anns a' Chèitean 2002 dh'fhosgail Tony Blair ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir aig ceann Rathaid Bhochanain ann an Glaschu.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- They Work for You: Donald Dewar, former MP, Glasgow Anniesland, former MSP, Glasgow Anniesland
Iomraidhean
deasaich- ↑ Kelly, Deirdre: “Remembering Garscadden”, BBC. 17mh dhen t-Samhain 2000. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “'Father of nation' dies”, BBC. 11mh dhen Dàmhair 2001. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2017.
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)
Seòras Younger (1979–1986), Malcolm Rifkind (1986–1990), Ian Lang (1990–1995), Michael Forsyth (1995–1997), Dòmhnall Mac an Deòir (1997–1999), John Reid (1999–2001), Helen Liddell (2001–2003), Alistair Darling (cuideachd Rùnaire Stàite a' Chòmhdhalach, 2003–2006), Douglas Alexander (cuideachd Rùnaire Stàite a' Chòmhdhalach, 2006–2008), Des Browne (cuideachd Rùnaire Stàite an Dìon, 2007–2008), Jim Murphy (2008–2010), Danny Alexander (2010), Mìcheal Moore (2010–2013), Alastair MacIlleMhìcheil (2013-2015), Dàibhidh Mundell (2015–2019), Alister Jack (2019–2024), Ian Murray (2024–) |