Florida (Valle)
Florida
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Valle del Cauca | ||||
Àirde | 1038m | ||||
Co-chomharran | 083 20' 00' Tuath 76° 14' 05' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 413 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 56,008 (2005) | ||||
Dlùths | 135.61/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach ann an Valle de Cauca, Coloimbia,[1] a th’ ann Florida. Tha e suidhichte aig 1,038m os cionn ìre na mara aig astar dhe 42km bho Chali, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1882.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 56,008 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, chan eil ach 14,951 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Florida, ach tha 4.7% dhe Tùsanaich agus 31.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 90.3% dhe na daoine ann an Florida leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 31.2% dhe na dachannan.[4]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Florida. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
deasaichChaochail Deogracias Fonseca an seo ann an 2008.