Fàilte an seo! Ma bhios ceist sam bith agad, dìreach cuir fios thugam.--Sionnach 20:36, 30 December 2007 (UTC)

Is dòcha gu bheil sin feumail dhut: airson tòiseach tòiseachadh, faic Cuideachadh agus tha barrachd fiosrachaidh ('sa Bheurla) an seo. Agus 's urrainn dhut fo-sgrìobhadh a dhèanamh ma bhuaileas tu air seo:
 
Beannachdan --Sionnach 17:26, 31 December 2007 (UTC)


Fàilte eile! Tha mi a'comhnaidh an Camas Tianabhaig. Innleadair 00:58, 31 December 2007 (UTC)

Ceangal

deasaich

Mise a-rithist. Is dòcha gur toil leat an ceangal seo: Cullin ('sa Bheurla) neo an seo: An Cuilthionn (Gàidhlig).--Sionnach 22:18, 3 January 2008 (UTC)

An Cuilthionn‎

deasaich

Is math a rinn thu! Meall do naidheachd airson an obair agad-sa. Bidh tiotalan a' nochdadh leotha fhèin, ma chuireas tu
== Teacsa ceann-loidhne == neo
=== Teacsa ceann-loidhne ===
timcheall air an tiotal. Faic cuideachd Wikipedia:Cuideachadh, sgrìobh mi rud beag mun stuth teigniceach an seo. Beannachdan --Sionnach 16:43, 7 am Màrt 2008 (UTC)


An Cuilthionn

deasaich

Chan e am Bioball a tha anns an Fhaclair aig Colin Mark.

Cha do cleachd neach sam bith a roimhesan an litricheadh "Cuiltheann" agus is fhearr nach robh neach sam bith ga cleachdadh as a dheidh (ged a tha Coolin nas miosa).

Is ainm priseil an Cuilionn/Cuilthionn. Is cacamus an litreachadh aig Colin Mark air an son.

Cairte-dealbh.

deasaich

B'e "Cairte-dealbh" am facal a bha dith ort, is Gaidhlig robach a tha 's ann an fhacal "Mapa". Agus, ma tha thu a' smaoineachadh gu bheil h-uile daoine a'cleachdadh am facal "mapa" is e nach do thachair thu air daoine fileantach (fhadhast) ann an suidheachadh far a bheil iad gan cleachdadh. Chan eil mi ag radh nach bi daoine a' cleachdadh am facal riamh, ach ann an suidheachdadh foirmeil, m.e. duilleag de Cuairt-Iuil (Encyclopedia)bu choir dhuinn uile a bhi cleachdadh briatharachas foirmeil.

Sàmais

deasaich

Ceart ma tha, rinn mi beagan "obrach" air Sàmais. Ach tha moladh neo dhà agam:

  • Chan eil mi cinntech mun loidhne seo: Ma tha sibh a‘ smaoineachadh gu bheil cus tuisealan sa Ghàidhlig, Feuchaibh Sàmais... Is dòcha gu bheil e nas fheàrr sin a ràdh ann an doigh neo-phearsanta.
  • Chan eil a' chiad agus an treasa ceangal a-mach ag obrachadh dhomhsa. Is dòcha gu bheil mearachd ann.

Ach tha aiste beag ann (faic Sàmais). Ma bhios tu deiseil/riaraichte leis a' phìos seo, dìreach cuir fios thugam agus gluasaidh mi iad ri cheile. Cuiridh mi bosca-fiosrachaidh ann cuideachd (mar a tha e an seo). --Sionnach 22:07, 19 An Cèitean 2009 (UTC)

oh errm, chan fhaca mi sin. 'S ann air sgàth 's gur e taisbeanadh labhairteach a bh' ann a tha na rudan cho coiteann, agus chan eil tùsan agam nas motha. Tha e fhathast feumach air beagan obrach. Ach chunnaic mi gu bheil fear ann mar-thà, agus bu toil leam dìreach a chur ris. Chì mi cuin a bhios tìde agam.
Na gabh dragh, chuir mi na ceanglaichean briste air falbh. Agus sgrìobh mi bocsa-fiosrachaidh cuideachd, tha e ri fhaicinn an seo. --Sionnach 17:42, 20 An Cèitean 2009 (UTC)
Tha Sàmais deiseil a-nise. Ghluais mi am pìos agad chun an aiste. 'S urrainn dhut an t-àite-cluich 1 a' cleachdadh a-rithist. --Sionnach 21:08, 21 An Cèitean 2009 (UTC)

Fàilte 2

deasaich

Fàilte chrìdheil eile ort, bho neach-cleachdaidh eile.--Steaphan30 00:54, 20 An Cèitean 2009 (UTC)

Tapadh leat. Is math d' fhaicinn an seo cuideachd.--Each-uisge 21:29, 21 An Cèitean 2009 (UTC)

aiste air chall...

deasaich

... tha e an seo: User talk:Each-uisge/Each-uisge1 :-); bidh mi a' coimhead air a-màireach. Ma bhios mionaid agad, saoil, am b'urrainn dhut coimhead air Earra-Ghaidheal agus Bòd, 's e sin am pìos a rinn mi an-diugh. Mòran taing. --Sionnach 21:48, 21 An Cèitean 2009 (UTC)

Halò, bha mi leughadh cunntas air na fuadaichean bho chionn ghoirid, agus 's ann a bha pìos ann a mhìnich mar a sheas aon choimhearsnachd eile gu daingeann ron mhaoir agus ron phoilis. Do bhrìgh sin, cha d' fhuaireadh air am fuadachadh idir. Bheir mi sùil air ais ach am faigh mi lorg air a-rithist.--Steaphan30 01:43, 22 An Cèitean 2009 (UTC)
Tha mi deiseil le "An Coimisean Napier". Aiste fìor inntinneach! Ma gluaiseas tu an aiste gu tiotal ceart, dìreach cuir na "<nowiki> "</nowiki> (aig deireadh na h-aiste) air falbh.--Sionnach 07:18, 22 An Cèitean 2009 (UTC)
Tapadh leibh. Gluaisidh mi e uaireigin. Tha sinn uabhasach trang an-diugh.

A bheil fios aig duine ciamar a chanas sinn "Battle of the Braes" no Crofters' uprising" no rud mar sin gu ceart? Cha chreids mi gur e còmhstrì nan Croitearan a th' ann. Steaphan: Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach mu dheidhinn nam fuadaichean sin. --Each-uisge 11:08, 22 An Cèitean 2009 (UTC)

duilich, a chàirdean, tha mi ro ghòrach. Chuir mi na nowikis air falbh agus cha do ghluais i idir. :-( --Each-uisge 11:12, 22 An Cèitean 2009 (UTC)
Rinn mi an gnothach. Duilich, nach mi bha gòrach.--Each-uisge 11:21, 22 An Cèitean 2009 (UTC)
Nach math a rinn thu! Is mi a tha gòrach, 's e droch mhinneachadh a rinn mi -:(
"Battle of the Braes" : dè mu dheidhinn: "Blàr a' Chumhaing", faic an seo --Sionnach 11:31, 22 An Cèitean 2009 (UTC)
Sgoinneil. Cuiridh mi sin ceart nuair a gheibh mi mionaid.--Each-uisge 12:11, 22 An Cèitean 2009 (UTC)

Earra-Ghaidheal agus Bòd

deasaich

Chuir mi ceist inntinneach air Talk:Earra-Ghaidheal agus Bòd, is dòcha gu bheil beachd sam bith agad.

@Deasachadh: Dh' fhreagair mi air an duilleag agam-sa. --Sionnach 09:24, 23 An Cèitean 2009 (UTC)

Deasachaidhean

deasaich

Tha mi uabhasach fhèin duilich. Rinn mi atharrachaidhean air cuid aistean gun a bhith logged a-steach. Feuchaidh mi ri fàs nas fheàrr. Duilich, a chàirdean. --Each-uisge 10:19, 25 An Cèitean 2009 (UTC)

Nancy Dorian

deasaich

Deiseil. A bheil fios agad cuin a rugadh i? Agus ceist eile: "Oilthigh Michigan" no "Oilthigh Mhichigan"? --Sionnach 10:03, 29 An Cèitean 2009 (UTC)

Mhichigan gu cinnteach. Nì mi e. agus gheibh mi a-mach cuin a rugadh i. Tha fhathast tòrr ri cur ris co-dhiù.--Each-uisge 11:13, 29 An Cèitean 2009 (UTC)

cuidich:-)

deasaich

Na h-àireamhan ISBN: mar is trice cuiridh mi tiotal an leabhair agus ainm an sgrìobhadair air Google. m.e.: "How Language Works": agus gheibh mi an fhoillsichear, bliadhna agus an àireamh ISBN, m.e.: Publisher: Overlook Press (16 Nov 2006) ISBN 1585678481 ; faic an seo

Mu dheidhinn "Language Death": B'fheàrr leam an aiste fon tiotal leis fhèin. (m.e.: en:Language death).

Leis an dòchas gum bi sin feumail dhut --Sionnach 20:43, 11 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Chan eil mi cinteach. Chan e aiste mu dheidhinn bàs cànain a th' ann ach aiste air an leabhar Language Death. Chan e Crystal an aon duine a tha a' sgrìobhadh mu a dhèidhinn agus chan eil an fhìrinn aigesan a-mhàin. Fhuair mise na bliadhnaichean bho sin cuideachd, ach gu tric thèid aon leabhar foillseachadh cuid tursan, agus airson an liosta bu toil leam na ciad foillichidhean.
Duilich, chunnaic mi dè tha thu a' ciallachadh le "Language Death" ann an User:Each-uisge/Each-uisge3. Ach chanainn fhathast gum biodh e nas fheàrr dà aiste a chur ann, is dòcha fo thiotal "Language Death (leabhar)" --Sionnach 20:55, 11 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
PS.: A-rèir an duilleag seo chaidh an leabhar a fhoillseachadh ann an 2000 a' chiad turas.

Translation request

deasaich

Please, could you translate the following article?

Joseph Smith, Jr. (December 23, 1805 – June 27, 1844) was the founder of the Latter Day Saint movement, also known as Mormonism, and an important religious and political figure during the 1830s and 1840s. In 1827, Smith began to gather a religious following after announcing that an angel had shown him a set of golden plates describing a visit of Jesus to the indigenous peoples of the Americas. In 1830, Smith published what he said was a translation of these plates as the Book of Mormon, and the same year he organized the Church of Christ.

Thanks for your help.

Chabi

Thank you for your translation request. It's not really my field, but I'll give it a go and will try.--Each-uisge 22:21, 15 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
A lot of thanks for your help. If you want to trnaslate any article inot Spanish, CAtalan ot Galician, tell it to me, please. --85.54.152.36 07:20, 17 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Halò, chan eil mi a' tuigsinn seo: ma tha "[Breatainn] an Iar air = [Britain] to the west of it" agus "[Nirribhidh] an Ear air = [Norway] to the east of it" ceart, carson nach eil "[a' Ghearmailt] a Deas air = [Germany] to the south of it" ceart cuideachd? --Duncan 18:08, 15 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Leugh mi e gu ceàrr. Bha mise ga thuigsinn mar "the south of Germany". Cuiridh mi air ais e. Tha mi dulich. --Each-uisge 18:12, 15 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
'Salright. Tha fhios agad, cha robh mi cinnteach, oir bha mi a leughadh o chionn ghoirid anns an fhaclair Mairc Cailein: "Note also that 'northwards' and 'southwards' are frequently rendered as sìos gu tuath and suas gu deas respectively. Yes, 'down north' and 'up south'!" - cha robh fhios agam nach robh sin rudeigin coltach! --Duncan 18:57, 15 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Extension

deasaich

Suil, am b' burrainn dhut coimhead air a' ceist seo agus fo-sgrìobhadh a dhèanamh? Le bheannachdan --Sionnach 06:21, 2 an t-Iuchar 2009 (UTC)

Halò Each-uisge, chunnaic mi a' cheist agad air Talk:Roy Wentworth. Sgrìobh mi freagairt an sin agus airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn faic Image use policy agus Example requests for permission, ma thogras tu. --Sionnach 05:05, 4 an t-Iuchar 2009 (UTC)

West Highland Way

deasaich

Hi Each-uisge, seo an West Highland Way dhut-sa: User:Each-uisge/West Highland Way. Na gabh dragh mun stuth neònach dearg, tha cuid templates Beurla ann fhathast, nach eil ag obrachadh an seo. Ma bhios ceist no trioblaid agad, uill, dìreach cuir fios thugam. --Sionnach 06:47, 8 an t-Iuchar 2009 (UTC)

copy and paste

deasaich

Ghluais mi e gu Doras na coimhearsnachd. Cuspair gu math cuthromach! --Sionnach 21:28, 19 an Lùnastal 2009 (UTC)

Taing! A' sealltainn mun cuairt an-dràsta . Bidh dùbhlan romham a-nis - cò thusa? :) Tha mi aig an t-Sabhail cuideachd. Chì mi a-rithist thu, gun teagamh. --User:Wojtek 14:10, 19 an t-Sultain 2009

Wojtek, Innsidh mi dhut an ath thuras a chì mi thu "beò"--Each-uisge 13:20, 19 an t-Sultain 2009 (UTC)

Am bi e ceart gu leòr ma ghluaiseas mi cuid de na beanntan eile gu aiste leotha fhèin? --Sionnach 21:25, 19 an t-Sultain 2009 (UTC)

Bithidh. Tapadh leat.--194.35.219.120 08:11, 20 an t-Sultain 2009 (UTC)
Seo iad: Sgùrr an Fheadain, Sgùrr nan Eag, Sgùrr Sgumain, Sgùrr Thearlaich, Sgùrr Thormaid is Sgùrr Thuilm. Cha do lorg mi dealbh airson Sgùrr Thearlaich, is dòcha gu bheil tè agad. Agus chuir mi bocsa anns a' Chuiltheann cuideachd leis an dòchas gu bheil e a' cordadh riut. --Sionnach 20:28, 22 an t-Sultain 2009 (UTC)

Check request for Şalom.

deasaich

Could you check the article Şalom. There is already an article about Şalom, a Jewish weekly newspaper in Turkey, in Gaelic, but could you check it and if necessary translate it from the other Wikipedia language sites, if you have the time and patience to do so. The reason is that the newspaper Şalom is written (alas one page only) in a highly endangered language called Ladino or Judeo-Spanish, the Spanish of the 15th century. Perhaps this might gain your interest and sympathy.

Thank you.

Extension

deasaich

Hi Each-uisge, bu toil leam an extension "Book collection" a chur ri Wiki Gàidhlig cuideachd. Ach airson sin a dhèanamh, feumaidh “community vote” a bhith ann. Bhiodh e sgoinneil, nan cuireadh tu d’ ainm sìos an seo. Le beannachdan --Sionnach 07:14, 21 An Cèitean 2010 (UTC)

Name change

deasaich

Hi Each-uisge, We would like to invite all contributors to take part in the debate to find an appropriate Gaelic form for Wikipedia that doesn't break any rules regarding phonology, intellegibility or forming good neologism. We'd like to invite views/votes from all users here as we'd like to get broad consensus. The debate is here: Name change and - since it involves quite a few technical issues - in English. Le dùrachdan --Sionnach 20:24, 23 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)Reply

Ainmean is sloinnidhean

deasaich

Halò a charaid, tha deasbad a' dol an-dràsta ann an Talla a' Bhaile airson poileasaidh a chruthachadh mu dheidhinn an ìre dham bu chòir dhuinn ainmean is sloinnidhean cèine eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig. On a tha thu nad fhear de na prìomh luchd-deasachaidh an seo, bhiodh e math do bheachd a chluinntinn ma tha ùidh agad. Tìoraidh, --Thrissel 21:07, 11 dhen Ghearrain 2012 (UTC)

Beanntan

deasaich

Air sgàth' s gu bheil thusa nas eòlaiche air beanntan na mise, saoil a bheil fios agad a bheil faclan Gàidhlig ann airson:

  • Marilyn
  • Hump
  • Munro
  • Murdo
  • Corbett?

Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 06:16, 28 dhen Lùnastal 2014 (UTC)Reply


Chan eil fhios agam, ach nì mi beagan rannsachaidh. Tha mi air Rothach a chluinntinn airson Munro, ach chan eil mi fiù 's cinnteach an e Rothach, no beinn Rothach no beinn Rothaich no ge b'e dè a th' ann. Tha mi a' dol a dh'fhaighneachd de dhuine no dithis. --92.26.105.61 07:10, 28 dhen Lùnastal 2014 (UTC)Reply

Seo an ceangal dhut airson Commons. Dìreach cuir ainm na beinne ann an "search" agus ma bhios tu fortanach bidh dealbh ann. --Sionnach (an deasbaireachd) 14:47, 30 dhen Lùnastal 2014 (UTC)Reply

cite web

deasaich

Haidh! Is dòcha gu bheil sin cuideachail dhut:

{{cite web
 |author=
 |title=
 |url=
 |work=
 |publisher= 
 |date= 
 |format=
 |accessdate=
 }}
 

Dùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 05:18, 8 dhen t-Sultain 2014 (UTC)Reply

carragh-cuimhne

deasaich

Seo an liosta dhut: List of Category A listed buildings in Highland. Dùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 20:58, 14 dhen t-Sultain 2014 (UTC)Reply

Loch nan Dùbhrachan

deasaich

Mu dheireadh thall lorg mi rudeigin mu Loch nan Dùbhrachan. Tha mi an dòchas gu bheil e a' còrdadh ri muinntir Shlèite:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 22:20, 20 dhen t-Sultain 2014 (UTC)Reply

Gleann agus Loch

deasaich

Halò Each-uisge. Bu toil leam teamplaid "Loch ann an Alba" a thogail. Cha do lorg mi facal Gàidhlig "inflow/influx", 's e "às-sruth" am facal eile. Is dòcha "a-sruth" neo "sruth"? Bheir sùil air beanntan air Cleachdaiche:Comhachag-bheag/Gleann Canaich cuideachd. Tha an aiste sa bheairt. Chan eil mi cinnteach mu dheighinn "deisear" agus "tuathar". --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 17:34, 17 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Tha mi duilich, ach chan eil càil a dh'fhios agam mu rudan mar sin. Chumainn fhèin sìmplidh e, an àite a bhith a' lorg fhaclan ùra. Dè mu dheidhinn struth a-steach agus struth a-mach?

Ach co-dhiù, tha thu a' dèanamh obair sgoinneil. Cùm ort! --Each-uisge (an deasbaireachd) 09:23, 18 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Tapadh Leat

deasaich
 
Tapadh Leat.

Hello, and thank you for the message. I am learning gaelic from a series of books, I am relatively new to gaelic I started learning it just last year. It would be great if you edited my pages though, from spell cheacking and grammar to adding paragraphs.

Tapadh Leat

deasaich

Hàllo, agus tapdh leat! Tha mi uabhasach caobh air an teamplait 'S e baile ann an X a th' ann an Y. Tha e suidhichte eadar X agus Y. Tha X duine a' fuireach ann/Ann an 2001 bha X duine a' fuireach ann. 'S e prìomh-bhaile na X/Siorrachd X a th' ann.

Tapadh Leat, A Rìs

deasaich

Tapadh leat. 'S toigh leam sin tha thu gam cuideachadh. Tha mi a' dèanamh mhath, 's tapadh leat.

Beinn Spionnaidh

deasaich

Halò Each-uisge, an toir sùil air na mùthaidhean a chuir mi ri Beinn Spionnaidh? Mòran taing, --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 09:27, 11 dhen Dàmhair 2015 (UTC)Reply

Sandbox: taing

deasaich

A charaid,

Tapadh leat airson pàirt a ghabhail anns a' bhòt! Tha mi duilich nach do chuir mi cuireadh thugad mar a rinn mi le cuid eile, tha e doirbh liosta a lorg leis na 'fìor' cleachdaichean mas fhìor seachd 'bots' msaa. Co-dhiù, tha mi toilichte gum faca tu an deasbad. Emain Macha (an deasbaireachd) 10:24, 19 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply