Comhachag-bheag
Halò, fàilte an seo!
Chunnaic mi gun do chruthaich thu aiste mu Aachen. Is math a rinn thu! Cum ort mar seo agus ma bhios ceist agad, leig fios dhomh, an seo no air an duilleig deasbaireachd agam. Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 21:34, 6 dhen Iuchar 2014 (UTC)
Loch Beannacharan
deasaichTha sin a' coimhead glè mhath! Chì thu ann an eachdraidh na duilleige far an do dh'atharraich mi rudeigin. Agus dh'atharraich mi àireamh no dhà cuideachd. Saoil, an cuir thu na (km) riutha? An uair sin tha an aiste deiseil airson gluasad. Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 11:44, 4 dhen Lùnastal 2014 (UTC)
Loch a' Mhuillidh
deasaichSaoilidh mi gu bheil e deiseil a-nis. Dh'atharraich mi dà thùs (refs) air sgàth 's gun do nochd iad ann an duilleagan eadar-dhealaichte (347 + 348). Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 19:22, 5 dhen Lùnastal 2014 (UTC)
Loch Monar
deasaichTha Loch Monar deiseil airson gluasad cuideachd. --Sionnach (an deasbaireachd) 19:52, 12 dhen Lùnastal 2014 (UTC)
Teamplaid
deasaichSeo an teamplaid dhut: Teamplaid:Lochan ann an Gleann Srath Farair. Agus ma chuireas tu {{Teamplaid:Lochan ann an Gleann Srath Farair}} aig deireadh na h-aiste, gheibh thu am bocsa-fiosrachaidh snog. Chì thu e ann an Loch Monar a-nis. Le dùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 20:36, 31 dhen Lùnastal 2014 (UTC)
Loch Toll a' Mhuic
deasaichTha e deiseil a-nis. --Sionnach (an deasbaireachd) 06:08, 27 dhen t-Sultain 2014 (UTC)
Loch Mullardoch
deasaichHi, is dòcha gu bheil an aiste seo inntinneach dhut: Neart nan Gleann. Agus is dòcha an ceangal seo: Power from the Glens. Dùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 23:05, 7 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)
Loch a' Bhàna
deasaichTha e deiseil. Cha robh mearachd sam bith ann! Ach rinn mi dà sheantans à seantans a bha uabhasach fada. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e nas soilleire a-nis. Le dùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 07:09, 15 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)
Còig lochan
deasaichTha iad deiseil. Cha robh mòran ann airson ceartachadh. --Sionnach (an deasbaireachd) 22:16, 19 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)
Teamplaid:Luchd-ciùil
deasaichHello, Mòran taing airson an obair air an teamplaid seo. Bidh e gu math feumail. Seo puing no dhà air an robh mi beachdachadh:
- Ainm-pinn: am biodh 'far-ainm' na b' fhearr? chan eil 'pen-name' cho freagarrach.
- Tha ainm-baistidh agus ainm breithe co-ionnan, nach eil?
- Dè mu dheidhinn dreach eile den ainm: m.e. Allan MacDonald / Ailean Dòmhnallach. Dh'fhaodadh sinn rudan mar (Beulra:Allan MacDonald) a thoirt às an aiste fhèin?
- Creideamh: Chan eil mi a' faicinn adhbhar airson creideamh a bhith ann? Bheil e feumail?
- Ann an Uici na Gaeilge tha 'tìr' ann. Am biodh tìr no nàiseantachd inntinneach?
- Am biodh e feumail 'còmhlain' a bhiodh ann? m.e. Blazin' Fiddles airson Bruce MacGregor?
- Chì mi air Uicidhean eile gu bheil 'record label' ann. A bheil feum air? 'companaidh ciùil'?
Duilich gu bheil an uiread de comments agam - ach tha fàilte bhlàth air leasachadh nan teamplaidean! :) Thisissusanbell (an deasbaireachd) 12:22, 2 dhen Ghearrain 2015 (UTC)
- Bidh e gu math feumail gu dearbha! Is neònach leam ge-tà bhith a’ leughadh “Rugadh” agus as déidh sin “Bàs”. Seach gur e ainmearan (nouns) a tha anns gach rud eile, tha mi a’ smaoineachadh gum biodh e na b’ fheàrr “Breith” a chleachdadh an àite “Rugadh”.
- --Caoimhin (an deasbaireachd) 21:13, 15 dhen Ghearrain 2015 (UTC)
Canaich
deasaichTha Canaich a' coimhead ceart gu leòr. Is dòcha gum b' fiach coimhead air an aiste ann an Uici Gearmailteach cuideachd. Gheibh thu ceanglaichean a-mach an seo a tha inntinneach cuideachd. Le deagh dhùrachdan --Sionnach (an deasbaireachd) 07:38, 15 dhen Ghearrain 2015 (UTC)
PS: A thaobh Teamplaid:Ceòladair: Is math a rinn thu! Is dòcha gum bi e nas fheàrr, ma chuireas tu " bàs" ann an "if" cuideachd.
dealbhan
deasaichHaidh a-rithist! Ma thogras tu, bidh e ceart gu leòr dealbhan a chur ris na h-aistean anns na fo-dhuilleagan agam. Mòran taing --Sionnach (an deasbaireachd) 20:14, 13 dhen t-Sultain 2015 (UTC)
Sandbox
deasaichA charaid,
Thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.
Ma tha thu toilichte gun tèid 'sandbox' a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.
Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air 'sandbox' as dèidh an deasbaid an seo.
Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (Emain Macha (an deasbaireachd) 15:09, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.
Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 15:09, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
Sgioblachadh bailtean na h-Alba
deasaichHi Comhachag-bheag, chunnaic mi gun robh thu trang a bhith a' sgioblachadh nam bailtean ann an Alba. Is dòcha gu bheil an duilleag: Pròiseact sgioblachaidh feumail airson barrachd daoine a tharraing a-steach. Tha torr artaigilean feumach air bogsaichean fiosrachaidh amsaa. Ma bhios ùidh agad, sgioblaich na rudan air a bheil thu eòlach. Tha fàilte mhòr ort gus sgrìobhadh air an duilleig seo, gus am bi aig a h-uile gin dhiubh:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 14:14, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
Hi, anns an aiste Dùnaid, chan eil mi a' tuigsinn " B' e Timothy Pont urramach Dhùnaid". Dè tha thu ag iarraidh a ràdh? Tha na leasachaidhean eile ceart gu leòr:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 22:07, 4 dhen Ghearran 2017 (UTC)
You are invited!
deasaichYou are invited... | |
---|---|
The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.
|
Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:48, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)