Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Teaghlach Canidae
Gèineas Canis
Spèiseas C. lupus
Fo-spèiseas C. l. familiaris
Ainm saidheansail
Canis lupus familiaris (Linnaeus, 1758)

Tha an (Laideann: Canis lupus familiaris, Cuimris: ci) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thàinig an gnè Canis familiaris[1]. Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn. Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine. Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.

Abairtean mu dheidhinn coin

deasaich
  • Am Fear a bhios air dheireadh, bidh na coin comaidh ris.
  • Cho sgìth ri seann chù.
  • Cho math ris a' chù!
  • Cho cam ri cù a' muin san t-sneachd.
 
 
 
 

Faclair nan Coin

deasaich

Ceanglaichean

deasaich

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

deasaich

Iomradh

deasaich
  1. BBC news