Creag nam Bathais
Creag nam Bathais
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Lodainn an Ear
Innis-mhuir Eileanan Linne Fhoirthe
Co-chomharran 56.0769º T
2.641º I
Comharradh-clèithe NT602873
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 0.03 km²
Àireamh-shluaigh 0 (2011)
Dlùths 0/km²

'S e eilean ann an Linne Foirthe a tha ann an Creag nam Bathais neo Am Bas (Beurla: Bass Rock neo The Bass).

Mar phluga bholcànach tha e de chlach-ghràin agus tha e 107 m de dh'àirde.

Eachdraidh

deasaich

Dh'fhuirich Naomh Baldred an seo san 7mh linn.[1] B' àbhaist dha a bhith na phrìosan far an do phrìosanaicheadh Cùmhnantaich is Seumasaich an dèidh do Rìgh Teàrlach I a cheannaich an creag ann an 1671. Leag an prìosan ann an 1701. Chaidh taigh-solais a thogail ann an 1902 is bha e air a sgiobadh gu ruige 1988.[2] Chan eil duine sam bith a' fuireach ann a-nis.

Rinn Iain Dall MacAoidh fonn air mu Niall "Bhas" MacAoidh.

Fiadh-bheatha

deasaich
 
Sùlairean os cionn na Creige

Tha an t-eilean na dhachaigh do còrr is 150,000 sùlaire agus 's e an dachaigh as motha air an t-saoghail dhan eun seo.[3] Tha an t-ainm saidheansach, Morus bassanus, agus an t-ainm sa Fhraingis, fou de bassan, "duine craicte nam Bathais" air an sùlaire, air an eilein seo.

Iomraidhean

deasaich
  1. Gazetteer for Scotland: Bass Rock (Beurla). Air a tharraing 21 an Cèitean 2016.
  2. Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath: Bass Rock[dead link] (Beurla). Air a tharraing 21 an Cèitean 2016.
  3. Scottish Seabird Centre: Bass Rock announced as the world's largest Northern gannet colony (Beurla). Air a tharraing 16 Gearran 2015