Co-chomharran: 55°54′N 2°45′W / 55.90°N 2.75°W / 55.90; -2.75

Gifford

Eaglais Yester ann an Gifford
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Lodainn an Ear
Siorrachd Lodainn an Ear
Co-chomharran 55° 54′ 40″ Tuath
2° 53′ 28″ Iar
Comharradh-clèithe NT534680
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 763[1] (2011)

'S e baile beag ann an Lodainn an Ear ceithir mìle deas air Baile Adainn a tha ann an Gifford.

Suidheachadh
Suidheachadh
Gifford
Suidheachadh Gifford ann an Lodainn an Ear

Tha e ainmeil airson Caisteil Yester agus Goblin Ha', seòmar fon talamh a bha pàirt de thùr a bha air thogail le Hugh de Gifford anns an 13mh linn. A-rèir faoinsgeulachd bha Hugh de Gifford na bhuidseach. Sgrios Raibeart Brus e an tùr ann an 1308. Ath-thogadh an caisteal san 14mh linn ach tha e trèigte a-nis an dèidh do am Morair Hay imrich do thaigh ùr, Taigh Yester, cuideachd faisg air Gifford, ann an 1557.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. Yester Castle and Goblin Ha'”. Canmore. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2016.