Buenaventura
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Valle del Cauca
Àirde 7m
Co-chomharran 03° 53' 35' Tuath
77° 04' 10' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,070 km²
Àireamh-shluaigh 328,794 (2005)
Dlùths 54.17/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile mòr ann an Valle del Cauca, Coloimbia,[1] a th’ann Buenaventura. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha dìreach air oirthir a’ Chuain Sèimhe aig 7m os cionn ìre na mara agus 128km air falbh bho Chali. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Buenaventura an 18mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.

Freumhan an Ainm

deasaich

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Bonaventure,[3] neo Buenaventura ann an Spàinntis. Tha an t-ainm a' ciallachadh deagh àigh, bho buena (math) agus ventura (àgh).[4]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha 328,794 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 35,847 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine le freumhan ann an Afraga a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Buenaventura (88.6%), ach tha 0.8% dhe Tùsanaich agus 10.6% dhe daoine geala/mestizos cuideachd. ' S urrainn dhan 83.4% dhe na daoine ann an Buenaventura leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 31.8% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Buenaventura. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Catholic Revelations
  4. Real Diccionario de la Lengua
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Buenaventura