Bremen
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Sgìre Bremen
Co-chomharran 53° 04' 33' Tuath
08° 48' 27' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 327 km²
Àireamh-shluaigh 548,477 (2006)
Dlùths 1,677.3/km²
Àireamh fòn 0421
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile mòr agus port[1] faisg air Oldenburg air an àirde an ear-thuath na Gearmailt a tha ann am Bremen (IPA:bʁemən). ‘S e fear dhe na 16 stàitean (Gearmailtis: Länder) na dùthcha. Tha am port Bremerhaven, 60km air falbh mu thuath, am broinn na stàite cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 150. Tha am pàirce-nàiseanta Lüneburger Heide suidhichte iar air Bremen.

Eachdraidh

deasaich

Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Sgrìobh Claudius Ptolmaeus mu dheidhinn Phabiranum, a bha fo buaidh na Cauci ann 150.[2] Anns an 8mh Linn chaidh feachdan Theàrlaich Mhòir gu ruige na h-aibhne Weser gus Crìosdaidheachd a thoirt do treubhan pàganach na sgìre.[3] Thug Riourik, Lochlannach às An t-Suain, aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an 859 ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e.[4] Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na easbaigean à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu Lochlann fad na linntean.

Bhagairt Heinrich XII à Bayern air cumhachd nan Easbaig anns an 12na linn.[5] Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh' ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas A’ Chuain Tuatha gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn na Mara Bhaltach, is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an 14mh Linn chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir.[6] Ach mu dheireadh thall, ann an 1358, ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an Lübeck is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.[7]

Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa:[8] dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an 1425, is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèille ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an 1427,[9] le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalmhan air sgàth sin.

Chaidh a’ chiad port innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an 1620.[10] Ann an 1827, air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa Ghàidhlig.[11] Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an 1857.[12] Leasachadh obraichean mairearachd na h-aibhne fad na 1870an1880an.

Dh’fhàsadh am baile beag air bheag tro mhalairt is gnìomhachasan is chaidh oifis margaidh chotain a chuir air dòigh ann an 1872.[13] Chaidh àireamh-shluaigh a’ bhaile suas bho mu 35,000 ann an 1812 gu cor ris 100,000 ann an 1875 is fiù’s 250,000 ann an 1911.[14]

Bha Bremen na bhall Co-chaidreachas na Gearmailte a Tuath bho 1867 gu ruige 1871[15] is an uair sin bha e am broinn stàit ùr, Iompaireachd na Gearmailte bho 1871, ach chum e a chuid neo-eisimeileachd taobh cusbainn is cìsean gu ruige 1888. Gu mì-fhortanach, chaidh oidhirp a dhèanamh air beatha an Iompaire Gilliam II ann am Bremen ann an 1901.

‘S e na Sasannaich a bha os cionn Bhremen dìreach an dèidh an Dàrna Cogaidh, is an uair sin na h-Aimearaganaich bho 14mh An t-Sultain 1944 o chionn 's gu robh iad ag iarraidh gum biodh port air a’ Mhuir a Tuath anns an sgìre aca.[16] Le sin cha bheireadh Bremen a-steach do Shagsainn Ìosail, leis gu robh an roinn sin anns an sgìre a bha fo bhuaidh nan Sasannach. Air sgàth sin, chaidh Bremen a ghairm na bhaile neo-eisimeileachd Hansa (Gearmailtis : Freie Hansestat) am broinn Poblachd Fheadarail na Gearmailte ann an 1947, le Bremerhaven na bhroinn oir nach robh e idir faisg air fearann Shagsainn Iosail.[17]

Daoine Ainmeil

deasaich

Gnàth-shìde

deasaich


  Fiosrachadh airson Bhremen
Mìos Faoilleach Gearran Màrt Giblean Cèitean Ògmhios Iuchar Lùnasdal Sultain Dàmhair Samhain Dùbhlachd Bliadhna
Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) 3 3 7 11 17 20 21 21 18 13 7 5
12
Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) -1 -1 1 2 7 10 12 12 9 6 2
5
Neart na Gaoithe 25 km/h 16 km/h 20 km/h 17 km/h 14 km/h 16 km/h 16 km/h 16 km/h 17 km/h 17 km/h 19 km/h 22 km/h
17 km/h
Bho: www.weatherbase.com

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Dealbhan

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Bremenports
  2. World Port Source
  3. Alemania.net
  4. Geneanet
  5. Karl Jordan, Henry the Lion. A Biography, ISBN 0-19-821969-5
  6. Deremilitari
  7. World Port Source
  8. Bremen City Report
  9. The German Hansa: The emergence of international businesses 1200 - 1800, P. Dollinger, ISBN 978-0-415-19073-2
  10. Radio Bremen[dead link]
  11. Bremerhaven.de
  12. Hapag-Lloyd
  13. Baumwolleboerse
  14. Bremen City Report
  15. IGE
  16. Bremen City Report
  17. Essential Travel[dead link]
  18. Urząd Miasta Gdańska
  19. Riaghaltas Iosrael
  20. Stadt Rostock