Brandenburg
Is e aon stàit de na sia stàitean deug anns a' Ghearmailt a tha ann am Brandenburg, agus ’s e Potsdam faisg air Berlin am prìomh-bhaile aice. Tha Brandenburg coltach ri fainne, fainne timcheall air Berlin, prìomh-bhaile na Gearmailt. Tha Brandenburg suidhichte mu thuath agus mun ear na Gearmailt. Tha crìochan aice leis a' Phòlainn san ear, san deas le Sagsainn, san iar le Sagsainn-Anhalt agus Sagsainn Iosail agus san tuath le Mecklenburg-Vorpommern.
![]() |
![]() |
Bratach na dùthcha | Lùireach na dùthcha |
Cànan Oifigeil | Gearmailtis |
Dual-chainntean | Berlin-Brandenburgisch, Mark-Brandenburgisch, Anhaltisch, Niedersorbisch, Eberswalder Kanaldeutsch |
Prìomh-bhaile | Potsdam |
Baile as motha | Potsdam |
Uachdaran | Matthias Platzeck |
Àireamh-shluaigh | 2.550.200 (2006) |
Farsaingeachd | 29.468,71 km² |
Duileag oifigeil | www.brandenburg.de |
EachdraidhDeasaich
Tha Brandenburg suidhichte ann am meadhan na Ròinn Eòrpa. Bha an dùthaich seo fo raon-dèighe tiùgh anns an linn-eighe mu dheireadh agus chruthaich an dèigh cruth na tìre. Tha Brandenburg a Tuath gu math rèidh, ach anns an deas chìthear na sreathan Lausitzer Höhen neo Sorauer Sandberge , am Fläming agus beanntan beaga faisg air Berlin, na Müggelberge , na Havelberge agus an Semmelberg faisg air a' bhaile Bad Freienwalde.
Eadar na h-aibhnichean Havel agus Spree bha treubhan Gearmanach, na Sueben neo Semnonen, a’ fuireach. Anns a' chòigeamh linn dh’fhàg iad an dachaigh aca agus ghluais iad dhan iar, dhan abhainn Oberrhein. Anns an dà linn s’ a tighinn thàinig Slaven, Sprewanen agus Heveller, a-steach dhan dùthaich seo.
Anns a' bhliadhna 808 thug Rìgh Tearlach Mòr an sgìre do threubhan nan Abodriten, Obodriten agus Wenden, a bha a’ sabaid còmhla ris an aghaidh sluagh nan Sagsainneach. Ghàbh tòrr dhaoine ris a' chreideamh Chrìosdail agus chaidh dà sgìreachd-easbaig a stèidheachadh. Leudaich Rìgh Heinrich I (Eanraig I) an rìoghachd aige agus bhuadhaich e barrachd sgìrean anns an ear.
Bha sabaidean eadar an sluagh an-seo agus na rìghrean às an iar gu tric anns na linntean s’ a tighinn, ach bhuadhaich Albrecht der Bär (Albrecht am mathan) an dùthaich seo ann an 1157 agus stèidhich e am "Mark Brandenburg". Tha am facal "Mark" a’ ciallachadh dùthaich aig a’ chrìoch Ìompaireachd Naomh Romanach nan Gearmailteach anns na Linntean Meadhanach. Bha am facal airson siorramachd le iarla a bha aige ri crìoch a dhèanamh cinnteach. Chaidh Albrecht ainmichte mar uachdaran agus iarla anns an sgìre seo.
Cha b' e am Mark Brandenburg a bh’ ann an mar a tha an stàit Brandenburg an-diugh. Bha sgìre Mark Brandenburg fada na bu lugha. Bha an sgìre a' fàs ge-tà. Fhuair iarla den Mark Brandenburg, Johann Sigismund, barrachd dùthchannan beaga ann an 1614 agus fhuair e a' Phruis mar chòir-fearainn ann an 1618. Chrùin an iarla den Mark Brandenburg fhèin mar Rìgh anns a' Phruis ann an 1701. On àm seo gu 1946 bha am Mark Brandenburg na phàirt de a' Phruis.
An dèidh an dàrna Chogaidh, ann an 1947, chaidh an stàit Brandenburg a stèidheachadh, ach, bho 1949 bhuin e do German Democratic Republic, an dàrna Ghearmailt, a bha na stàit shòisealach. Ann an 1952 chaidh a dhealachadh ann an trì pìosan. Bha an dùthaich Brandenburg an-diugh air a stèidheachadh a-rithist, an dèidh fichead bliadhna ’s a h-ochd deug ann an 1990, nuair a dh’aontaich an dà Ghearmailt. Is e aon de na sia stàitean deug anns a’ Ghearmailt a tha ann am Brandenburg. Is e dùthaich a th’ ann a bha a’ leum gu h-obann a-staigh ann an àm ùr. Cha robh sin furasta idir.
EaconomaidhDeasaich
An-diugh tha Brandenburg coltach ri stàitean eile ann am meadhan na h-Eòrpa, le rathaidean mòra, le bùthan mòra far am faighear a h-uile rud ri cheannachd a thathas ag iarraidh. Ge-tà, tha trioblaid aig Brandenburg a tha aig gach stàit anns an Roinn Eòrpa cuideachd – chan eil cosnaidhean gu leòr ann am Brandenburg, chan eil obair aig gu bhith sia deug às a’ cheud de na daoine gu lèir.
Bha 2,553,648 daoine a’ fuireach ann am Brandenburg ann an 2006, ’s e sin 87 daoine air an aon chilemeatair cheàrnagach. Tha an cuid as mòtha a’ fuireach anns na bailtean beaga agus bidh iad ag obair ann an àiteachas agus anns an gnìomhachas-bìdh. Tha achaidhean mòra ann, le eòrna, seagal, cruithneachd agus asparag. Bidh na tuathanaich a‘ bhleòghainn 174,000 bò dà thuras gach latha, dh’fhuirich 788,200 muc ann. Tha 144,489 caora ann agus bha gach cearc a’ laighe 295 ùgh ann am bliadhna 2004. Tha 39,000 daoine ag obair anns an àiteachas, ann an 6700 pìos-fearainn.
Is e cularannan beaga agus glè spiosrach a th’ anns na glasraich as ainmeile à Brandenburg. Tha iad a’ tighinn às an sgìre air an t-ainm Spreewald (coille air bruach Abhainn Spree) taobh a deas Bhrandenburg.
Tha cridhe eaconomachd de Bhrandenburg faisg air Berlin. Tha obraichean-stàilinn aig Eisenhüttenstadt agus anns a' bhaile Brandenburg an der Havel. An sin gheibhear factaraidh airson innealan clò-pàipeirean cuideachd agus muilnean-stàilinn. Anns an tuath, ann an Schwedt, chìthear fineadairean ola agus dà mhuilinn pàipeir. Ann am Brandenburg a Deas tha 15,000 duine ri mèinnearachd-ghuail. Is ann an Jänschwalde a tha an stèisean-dhealain gual duinn as motha san t-Saoghal. Tha a’ ghual air a chleachdadh airson ginidearadh-dealain anns an stèisean-cùmhachd aig Vattenfall, a bheir dealan don Ghearmailt an Ear air fad.
Sgìrean agus bailtean mòraDeasaich
An-diugh tha 14 sgìrean agus ceithir bailtean mòra gun sgìre ann am Brandenburg. Seo liosta de na sgìrean agus na prìomh-bhailtean aca, (cuideachd ann an Sorbais, ma bhios an cànan ga bruidhinn anns an t-sgìre):
- Barnim, Eberswalde
- Dahme-Spreewald / Damna-Błota, Lübben (Spreewald) / Lubin (Błota)
- Elbe-Elster, Herzberg (Elster)
- Havelland, Rathenow
- Märkisch-Oderland, Seelow
- Oberhavel, Oranienburg
- Oberspreewald-Lausitz / Gorne Błota-Łužyca, Senftenberg (Zły Komorow)
- Oder-Spree, Beeskow
- Ostprignitz-Ruppin, Neuruppin
- Potsdam-Mittelmark, Belzig
- Prignitz, Perleberg
- Spree-Neiße / Sprjewja-Nysa, Forst (Lausitz) / Baršć
- Teltow-Fläming, Luckenwalde
- Uckermark, Prenzlau
Na bailtean mòra gun sgìre:
Daoine cudromachDeasaich
- Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair cliùiteach Theodor Fontane anns a' bhaile Neuruppin san iar thuath Bhrandenburg.
- Rugadh Karl Friedrich Schinkel, ailtire agus dealbhaiche tèatraigeach, cuideachd ann an Neuruppin.
Bailtean EileDeasaich
IomraidheanDeasaich
Ceanglaichean a-muighDeasaich
- www. Brandenburg.de Duilleag oifigeil (sa Bheurla)
- www.brandenburg-tourism.com Ionad Turasachd Bhrandenburg (sa Bheurla)
- Historical Landscape Brandenburg (sa Ghearmailtis)
Baden-Württemberg • Bayern • Berlin • Brandenburg • Bremen • Hamburg • Hessen • Mecklenburg-Vorpommern • Nordrhein-Westfalen • Rheinland-Pfalz • Saarland • Sagsainn • Sagsainn-Anhalt • Sagsainn Iosail • Schleswig-Holstein • Thüringen