Gdańsk
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
Ceàrn Gdańsk
Sgìre Pomoskie
Co-chomharran 54° 22’ Tuath
18° 38′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 262 km²
Àireamh-shluaigh 461,489 (2014)
Dlùths 1,761.41/km²
Àireamh fòn (+ 48) 58
Duilleag oifigeil http://www.gdansk.pl/

‘S e baile mòr agus port[1] uabhasach cudromach ann an ceann a tuath na Pòlainn a th’ ann Gdańsk (IPA: 'ɡdaɲsk, Gearmailtis: Danzig, Caisiubianis: Gduńsk). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 999. Tha e suidhichte aig beul na h-Aibhne Motława, far a sruthas e dhan bhàgh Gdańsk anns a’ Bhaltach, 280km air falbh bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha agus 482km bho Kraków.[2] Tha 455,830[3] daoine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus 865 799 eadar na trì bailtean a tha ri-chèile (Pòlais: Trójmiasto), Gdańsk, Gdynia agus Sopor, is le sin ‘s e an 4mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4]

Eachdraidh deasaich

Tha rannsachaidhean arc-eòlais a’ sealltainn gu robh clachan iasgaich is luchd-ciùird Pomeranianach (sinnsearan na Caisiubianaich a th’ann an latha an-diugh), ann bhon an 8mh Linn.[5] Chaidh daingneach (grod) a thogail an siud le Diùcan na Pomerania anns an 10mh Linn. B’ àbhaist do luchd-malairt Lochlannach is na Gearmailteach a bhith ann. Chaidh Gdańsk (Gyddanyzc urbs) a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 999,[6] san leabhar Eachdraidh Mhisean an Naoimh Adalbert à Pràg, a dh’fheuch ris a’ Chrìosdaidhachd a thoirt do Phomerania agus dha na seann Phrùisianaich.[7]

Fhuair Gedania (an t-ainm ann an Laideann) a chuid chòirichean mar bhaile tro na laghan Lübeck ann an 1224 agus thug Rìoghachd na Pòlainn thairis am baile is an sgìre mu thimcheall ann an 1295. Air an 14 an t-Samhain 1308,[8] thug na Ridirean Teutonach thairis Gdańsk, chuir iad ruaig air Iarla a’ Phomerania, chuir iad muinntir a’ bhaile gu bàs is an roinn gu lèir fòdhpa. Le sin, chuireadh am baile ri Prùis-an-Ear. Leudaich iad am baile ann an 1311 is dhaingnich iad e ann an 1314.

A bharrachd air na Tùsanaich Kashubianach, ‘s e luchd-imrich Gearmailteach a bh’ann mòr-chuid na daoine sa bhaile: luchd-malairt, croitearan is manaich. ‘S e àite uabhasach cudromach làidir ri linn Ionnsaighean dhan Ear (Gearmailtis: Drang nach Osten) a rinn na Gearmailtich fad na Meadhan Aoisean.[9]

Fhuair Dantzig Gearmailteach ballrachd na Lìog Hansa ann an 1310,[10] is dh’fhàs e a bhith fear dhe na bailtean na bu chudromaiche dhan lìog nuair a bhrist an Lìog a-mach às a chèile chùm Danzig a chuid cheanglaichean gu Lübeck, Hamburg agus Bremen a dhol gu ruige an 19mh Linn, is le sin ‘s e na Bailtean Hansa am far-ainm a bh’ orra. ‘S e fear dhe na margaidhean na bu chliùitiche a thaobh malairt eadar an ear, an iar is an ceann a tuath na Roinn Eòrpa bhon an 8mh Linn gu ruige an 17mh Linn a bh’ann Danzig.[11]

Dh’ath-cheannsaich na Pòlaich e air ais ann an 1454,[12] is bha Gdańsk na shaor-bhaile am broinn Rìoghachd na Pòlainn eadar 1466 agus 1793, fiù’s gur e Gearmailtich a bh’ann mòr-chuid mhuinntir a’ bhaile. B’ fheudar dhan bhaile cogadh a dhèanamh an aghaidh Stefan Batory leis gun do dhiùlt Gdańsk a bhith ga aithneachadh mar rìgh ann an 1575,[13] is thug esan thairis e mu dheireadh thall, ann an 1577. Bha Stanislas Leszczyński, athair-cèile Louis XV, na fhògarrach an seo ann an 1734 is sheas e ri cuairteachadh a’ bhaile, ri Linn Cogadh Còir-sheilbh na Pòlainn.[14]

Chuireadh am baile ris a’ Phruis mu dheireadh thall ann an 1793. bha e na phrìomh-bhaile Prùis-an-Iar gu ruige 1920, a’ chur a thaobh greiseag fo Napoléon Bonaparte, eadar 1807 is 1813. Cuairtich an ceann-fheadhna Joséph Lefebvre am baile, is ga thoirt thairis ann an 1807. Chaidh esan ainmeachadh Dùic Ghdansk (Fraingis: Duc de Dantzick) mar dhuais.[15] Chaidh Danzig ainmeachadh na shaor-bhaile an aon bhliadhna, fo Chòrdadh Tilsitt, fo bhuaidh na Prùise is Diùcachd na Saxe, ach le gearasdan frangach fhathast ann. Ghlac na caidreabhaich e a-rithist ann an 1814[16] an dèidh cuairteachadh fada, air a stiùireadh le Jean Rapp:[17] chaidh e a chur air ais dhan A’ Phruis, is e na phrìomh-bhaile Pruis-an-Iar (Gearmailtis: Westpreussen).

Chaidh am baile a ghairm na shaor-bhaile fon Chòrdadh Versailles ann an 1920,[18] is e fo bhuaidh Lìog na Nàiseanan, an aghaidh miannan mòr-chuid mhuinntir a’ bhaile, is iad 96.4 % dhe Gearmailtich. Thoisich an Dàrna Cogadh anns An t-Sultain 1939 le ionnsaigh boma nan Gearmailteach air a’ ghearasdan Phòlach ann an Westerplatte, is fhuair A’ Ghearmailt Danzig air ais an uair sin.[19]

Chaidh am baile a mhilleadh uile gu lèir leis an Arm Dhearg, aig deireadh an Dàrna Cogaidh, chaidh na Gearmailtich a chur gu bàs neo sgapte air falbh is thug Stalin àithne gun toireadh e air ais dhan a’ Phòlainn, le aonta bho Winston Churchill is Franklin D. Roosevelt.[20] Fhuair e an t-seann ainm Pòlais dhe Gdańsk air ais, gu h-àraidh sa Bheurla is san Fhraingis. Chaidh na seann toglaichean ann am meadhan a’ bhaile a dh’ ath-thogail is chaidh sgìrean ùra a thogail ri taobh na mara Bhaltach.

Dh’fhàs Gdańsk a bhith am port na bu chudromach na dùthcha. Ann An Dùbhlachd 1970,[21] chuir luchd-obrach na gàraidhean-bhàtaichean aonadh-ciùird neo-eisimeileachd air dòigh is thog iad fianais an aghaidh ùghdarrasan Comunnach na dùthcha. Chaill 44 am beatha is chaidh mòran eile leòinte sa mhùchdadh sin, gu h-oifigeil. Dh’fhàgadh air an t-Seanailear Jaruzelski (na mhinistear an dìon aig an àm) gun tug e àithne chun na saighdearan gun loisgeadh iad air na daoine, air an 16 an Cèitean sa bhliadhna sin.[22]. Le taic bho na daoine ann an Szczecin is thall ann an Silesia, s’ urrainn dhan luchd-obrach ann an Gdańsk atharrachadh-inntinn a chruthachadh eadar na muinntir na dùthcha taobh na ceannardan Comunnach. Ann an 1980, stiùir aonadh-ciùird air an robh Dlùthachd (Pòlais: Solidarność) agus a cheannard Lech Wałęsa ar-a-mach eile sna ghàrraidhean sin.[23] Ann an 1989, dh’fhàs A’ Phòlainn a bhith na dùthaich deamocratach, is le sin dh’ fhaodadh do Ghdańsk leasachadh luath a dh’ionnsaigh siostam calpachas a chruthachadh. ‘S e prìomh-bhaile òmar na cruinne am far-ainm a th’air Gdańsk.[24]

Daoine Ainmeil deasaich

Eòlas-sluaigh deasaich

Tha àireamh-shluaigh a' bhaile air a bhith a' fàs beag air bheag bho thoiseach an 20mh linn, ged an do thuit e aig deireadh an Dàrna Cogaidh air sgàth gun do chuir na Ruiseanaich ruaig air Arm na Gearmailte, theich na daoine is chaidh am baile a thoirt dhan a' Phòlain.[25] Tha am baile air a bhith a' fàs nas motha agus 's e an 4mh baile na dùthcha le mòr-chuid de dhaoine phòlach a th'ann an latha an-diugh.

Eòlas-sluaigh
1900 1910 1925 1939 1946 1960 1970 1975 1980 1994 2002
140 600 170 300 210 300 250 000 118 000 286 900 365 000 421 000 456 700 464 000 460 000

Bailtean co-cheangailte deasaich

Ceanglaichean A-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Zarząd Morskiego Portu Gdańsk
  2. Distance Calculator
  3. Riaghaltas na Pòlainn
  4. Bailtean na cruinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Sopot
  6. Pomorskie
  7. AdventTeamplaid:Fix/category[dead link]
  8. Dwór Artusa
  9. North Dakota State University
  10. Hanse
  11. Zentrale für Unterrichtsmedien
  12. Dux Turystyka
  13. Historicy
  14. Zentrale für Unterrichtsmedien
  15. History of War
  16. France Pittoresque
  17. Virtual Arc
  18. Humanities ans Sciences Online
  19. Uczen
  20. Danzig Online
  21. Limcom
  22. Presse Francophone
  23. Ponude
  24. Regiony Poland
  25. Zentrale für Unterrechtsmedien
  26. Stadt Bremen
  27. SisterCities
  28. Gemeente Rotterdam