Boris Levitan
B' e matamataigear agus neach-teagaisg oilthigh Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Boris Moyseevytch Levitan (Ucràinis/Ruisis: Борис Моисеевич Левитан, Berdiansk, 7 an t-Ògmhios 1914 - Minneapolis, 4 an Giblean 2004).[1] Bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach Iùdhach. Ged a rugadh e ann am Berdiansk, b' ann ann an Kharkiv a thogadh e. Thug Levitan ceum ann an 1936 agus fhuair e dotaireachd ann an 1938 leis an tràchdas Некоторое обобщение почти периодической функции (Gàidhlig: Cuid de Choitcheannachadh Gnìomh Cha Mhòr bho Àm gu Àm). An uair sin, dhìon e a shàr thràchdas air an robh Теория обобщенных операторов перевода (Gàidhlig: Teòiridh Obrachaidh Eadar-theangachaidh Coitcheann). Ghabh e anns an arm ann an 1941 agus bha e na shaighdear gu ruige 1944. An dèidh a' Chogaidh chaidh fhastadh mar neach-teagaisg leis an Sgoil Armach Dzerzhinsky, far an robh e gu ruige 1961. An uair sin, bha e na neach-teagaisg aig Oilthigh Mhosgo, gu ruige 1992. Mu dheireadh thall, chuir e seachad corra bhliadhna sna Stàitean aig Oilthigh Minnesota.
Boris Levitan | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Berdiansk, 7 dhen Ògmhios 1914 |
Dùthaich |
Impireachd na Ruise An Ruis Na Stàitean Aonaichte An t-Aonadh Sobhiatach An Ucràin |
Bàs | Minneapolis, 4 dhen Ghiblean 2004 |
Foghlam | |
Foghlam | National University of Kharkiv (en) 1936) |
Àrd-fhoghlam | Dotair nan Saidheansan ann am fiosaigeachd is matamataig |
Stiùiriche an teusais | Naum Akhiezer (en) |
Oileanaich dotaireachd |
Mukhtarbay Otelbayev (en) Max August Jodeit, Jr. (en) Ishkhan Saribekovich Sargsyan (en) G. A. Suvorchenkova (en) Peter A. Mishnaevskii (en) Ashot A. Danieljan (en) Leonid V. Parnovsky (en) Etibar Panahov (en) Dietrich Schenk (en) |
Oileanaich |
Grigory Barenblatt (en) Mirzoev Karachan (en) _ Guseyn-Guseynov (en) Aknazar Bekdurdievich Khasanov (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | matamataigear |
Fastaichean |
National University of Kharkiv (en) (1938 - 1941) Military Academy of the Strategic Missile Forces (en) (1944 - 1961) Oilthigh-stàite Mhosgo (1961 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Iomraidhean
deasaich- ↑ Добровольський В. О., Рижий В. С. Левітан Борис Мойсейович Архівовано 14 травня 2021 у Wayback Machine. // Енциклопедія сучасної України : у 30 т. / ред. кол. : І. М. Дзюба [та ін.] ; НАН України, НТШ. — К. : [б. в.], 2016. — Т. 17 : Лег — Лощ. — 712 с. — ISBN 978-966-02-7999-5.