Loch Lì
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Lì.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich. Tha Beinn Liath Mhòr Fanaich (954m) tuath air agus Sgùrr Mòr (1,110m) san iar. Gu tuath tha a' bheinn Creag Dhubh Fanaich (756m).
Co-chomharran: 57°41′29″N 4°58′44″W / 57.691300°N 4.979000°W
Tha an loch seo cho mòr ri 8.5 ha (21 acair). 'S e 1.1 km (0.7 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 431 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 497 m (1631 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 14.8 km (9.2 mìle) air falbh bhon mhuir.
Thèid Loch Lì a lìonadh tro Steall an Fhuar Thuill Mhòir bho Loch an Fhuar Thuill Mhòir a tha suidhichte iar air Loch Lì. Air an taobh tuath tha uisge a' sruthadh a-steach cuideachd bho Fhuar Tholl Beag tro Steall an Fhuar Thuill Bhig. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach chun an ear tro Abhainn a' Ghiubhais Lì agus an uair sin gu tuath tro Abhainn an Torrain Duibh do Loch a' Ghlais-Chàrnaich.
Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch Lì agus mar sin chan rathaidean ann a leanas chun an locha seo.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH225707