Baile Átha Cliath

Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath
(Air ath-sheòladh o Baile Atha Cliath)
Baile Átha Cliath
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Còigeamh Laighean
Sgìre Contae Átha Cliath
Co-chomharran 53°20' 33" Tuath
6°15' 57" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 114.99 km²
Àireamh-shluaigh 505,739 (2006)
Dlùths 4,398.11/km²
Àireamh fòn +353 1
Duilleag oifigeil www.dublincity

Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath[1] (IPA: bˠalʲə a:ha klʲiəh; Beurla: Dublin, Gaelg Mhannain Divlyn) , agus am baile as motha 's an tir sin cuideachd. Tha e suidhichte air gach taobh an linn cumhang de Abhainn na Lifé. Thàinig a h-ainm Beurla bhon ainm Gaeilgeair an seòlaid: "Dubh Linn". A dh'aointinn an t-ainm b' e na Lochlannaich a stèidhich am baile. Tha iad comharraichte an ainm sgìre "Baile Lochlainn" dlùth ri taobh tuath na Life faisg air na ceithir cuairtean, agus an ìomhaigh umha crannghail long-fhada aig beulaibh prìomh-oifis Comhairle Atha Cliatha air Na Laimrigean Deasa.

An linn nan Normanach shuidhich iomadh choigreach a Sasainn am Baile Atha Cliath, agus mar a fhuair na Tighearnan Normanaich smachd air Èireann, thànaig Baile Atha Cliatha a bhi cathair cumhachd nan Sasunnaich an Èireann - suidheachadh a mhair sìos ri 1921. Rinneadh "callaid" mun chuairt am baile Shasunnaich ré an 14mh linn, a dhìon na Gall bho na Gaidheal "borb" air an taobh a muigh. Tro na meadhan aoisean, b' e am Beurla cainnte na Callaid agus a' Ghàidhlig cainnte den chorr, shuidheachadh a mhair gu ìre mhòr mus Bliadhna a' Ghoirt Mhòir (1847).

A measg na prìomh thogalaich den cathair tha: Caisteal Atha Cliatha, Àros Eaglais Chrìosd (Eaglais na h-Èireann), Na Ceithir Cuairtean, Taigh nan Cuspainn, Oifig Ginearalta An Phoist. Tha an Taigh-grùdaidh ainmeil Guinness suidhichte aig Geata Naoimh Sheamuis. Tha Àros an Uachtaran suidhichte an Pàirc an Fhionn-Uisge, pàirc agus taigh a bhuineadh ris an teaghlach Ghuinness.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Aistean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Logainm
  2. SisterCities
 
Baile Átha Cliath: Drochaid Uí Chonghail, aig beul na h-oidhche