León
León
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | León | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 42° 21' 22' Tuath 03° 37' 17' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 39.03 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 127,817 (2009) | ||||
Dlùths | 3,274.84/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 987 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr faisg air Ponferrada air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an León (IPA: leˈon). Tha e suidhichte aig 837m os cionn ìre na mara,[1] 330km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 785km bho Bharcelona.[2] Tha 127,817 daoine a’ fuireach ann an León.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne León a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à Legio ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh Lèigiun.[4] Bha gearastan an VI Lèigiun an seo o chion fhada. Fad nan linntean dh' atharraicheadh sin mar a leanas: Legio → Leionem → Leio → León/Llión.[5]
Eachdraidh
deasaichB' e na Ròmanaich a stèidhich am baile mar ghearastan ann an 29 RC, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. Dh'ainmeachadh prìomh'bhaile na Rìoghachd León ann an 911. Bha rol gu math cudromach aige ann an cruthachadh na Spàinne fad na meadhan aoisean. Dh'aonachadh an Rìoghachd ri Castilla ann an 1230.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]
Cruinn-eòlas
deasaichA rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an León.[9] Cha tuit ach 515mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 551mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Baeza
- Bragança, A' Phortagail[10]
- Chartres, An Fhraing
- Córdoba
- Baile Àtha Cliath, Èirinn
- Porto, A' Phortagail
- Voronezh, An Ruis
- Xiangtan, Sìona
Iomraidhean
deasaich- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ A Xunta
- ↑ La Crónica 16 de León, (1997). Historia de León, Prehistoria-Edad Antigua-Edad Media I, 84-920557-7-4.
- ↑ History Files
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet
- ↑ Diario de León