Meagsago (baile)
Ciudad de México | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Meagsago |
Co-chomharran | 19° 24” Tuath 99° 7” Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,479 km² |
Àireamh-shluaigh | 9,209,944 (2020) |
Dlùths | 6,227.14/km² |
Àireamh fòn | (+52) 55 |
Duilleag oifigeil | www.df.gob.mx |
Is e Ciudad de México (Beurla: Mexico City) am prìomh-bhaile agus am baile as motha ann an Meagsago. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 19.2 millean duine a’ fuireach anns an àrd-bhaile fhèin. Mar sin 's e an darna baile as motha air feadh an t-Saoghail. Tha am baile suidhichte ann an Gleann Meagsago neo Gleann Anáhuac anns an àrd-thìr ann am meadhan Mheagsago. 'S e Universidad Nacional Autónoma de México aon de na h-oilthighean as sine a tha ann an Aimeireaga. Chruidhich an ailtire Juan O'Gorman leabharlan an oilthigh. Tha "campus" an oilthigh diònta leis an UNESCO. Mu 25 cilemeatair bho mheadhan a' bhaile tha Xochimilco. Tha an t-àite seo cliùiteach airson na cladh-aibhnichean aige, tha e diònta leis an UNESCO bhon bhliadhna 1987. Chaochail Odón de Buen y del Cos an seo ann an 1945.[1]
Daoine Ainmeil
deasaich- Octavio Paz (1914 - 1998). Sgrìobhadair.
- Mario J. Molina (1943): Ceimigear.
- Roberto Gómez Bolaños (1929 - 2014): Cleasaiche, fear-àbhachdais, sgrìobhadair dhealbhan-cluiche agus sgrìobhadair sgrion a tha aithnichte gu sònraichte airson a bhith mar neach-cruthachaidh an t-sreath telebhisean ainmeil à Mheicsiceo El Chavo del Ocho.