Katowice
Katowice
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Katowice fhèin | ||||
Sgìre | Śląskie | ||||
Co-chomharran | 5° 15 00' Tuath 19° 00' 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 301,834 (2014) | ||||
Àireamh fòn | +48 32 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.um.katowice.pl/ |
S' e baile mòr ann an ceann a deas na Pòlainn a th’ ann an Katowice (IPA: katɔ'vʲitsɛ , Gearmailtis: Kattowitz, Latbhais /Seacais: Katovice, Liotuànais: Katovicai, Laideann: Katovicum). Tha e suidhichte aig 293m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Rawa,[2] anns an roinn Śląskie. Ann an 2009 bha 308,724 duine a' fuireach ann. Tha Katowice 272km air falbh bho Lublin, 67km bho Kraków, 454km bho Gdańsk agus 260km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 10mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1865[5] agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1968.[6]
Eachdraidh
deasaich‘S e na Silesianaich a bha nan tàmh an seo o shean. Bha na Piast uabhasach làidir fad na linntean, gus an tug na Habsburg an àite ann an 1532.[7] Chaidh am baile beag Katowice air a stèidheachadh anns an 19mh Linn, nuair a bha an roinn fhathast fo bhuaidh na Prùise. Fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile dìreach ann an 1845.[8] ‘S e baile measgaichte a bh’ann le Gearmailtich, Silesianaich, Pòlaich agus mòran dhe Iùdhaich nan tàmh an seo.[9] Chaidh e a chur ris A’ Phòlainn eadar 1918 agus 1921.
Dh’fhàs Katowice gu math beartach air sàilleabh gu robh mèinnean guail anns na beanntann mu thimcheall a’ bhaile.[10] Chuir an gnothach seo piseach air an gnìomhachas, dh’fhàs àireamh-sluaigh a’ bhaile is thoisich gnìomhachas an Iarann cuideachd.[11] Fhuair sin droch bhuaidh air na daoine is an àrainneachd, gu h-àraidh an dèidh an Dàrna Cogaidh is cha robh a’ chùis a cheartachadh gu ruige 1989, o chionns gum brosnachadh gnìomhachasan làidir ri linn nan Comannach.[12] ‘S e Stalinogród a bha air a’ bhaile bho 1953 gu 1956,[13] leis gu robh an Riaghaltas Comannach uabhasach dlùth airsan is an dùthaich fo bhuadh an Aonadh Sobhiat.
Daoine Ainmeil
deasaich- Hans Sachs: (1877 – 1945) Neach-saidheans Iùdhach.
- Kurt Goldstein: (1809 – 1877) Eòlaiche-inntinn Iùdhach.
- Maria Goeppert-Meyer: (1906 – 1972) Neach-saidheans is an dàrna tè a bhuannaich an Duais Nobel.
- Wojciech Kilar: (1932) Ceòladair.
- Jerzy Kukuczka: (1948 – 1989) Sreapadair.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mongabay
- ↑ Katowickie Wodociągi
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ World Gazetteer
- ↑ Katowice Friko
- ↑ Uniwersytet Śląski w Katowicach
- ↑ Study in Poland
- ↑ Józef Szaflarski, Katowice 1865 – 1945, Wydawca Śląski Instytut Naukowy, 1978
- ↑ Jewish Gen
- ↑ Główny Instytut Górnictwa
- ↑ Deutschland und Europa
- ↑ Private Photo Review[dead link]
- ↑ Katowice Wczoraj i Dziś
- ↑ Comhairle Chontae Àth Cliath
- ↑ Донецьк
- ↑ Portaal Groningen
- ↑ Stadt Köln
- ↑ Košice
- ↑ Miskolc Város
- ↑ City of Mobile
- ↑ Odense Kommune
- ↑ Ostrava
- ↑ Opava
- ↑ Ville de Saint Étienne
- ↑ 沈阳