Yolombó
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Ear-thuath
Àirde 1450m
Co-chomharran 06° 35' 52' Tuath
75° 00' 44' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 941 km²
Àireamh-shluaigh 20,025 (2005)
Dlùths 21.28/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile


‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Cisneros ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Yolombó. Tha e suidhichte aig 1,450m os cionn ìre na mara agus 94km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 24.4˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1560. 'S ann gu math ainmeil 's a tha Yolombó air feadh na dùthcha o chionns gu do sgrìobh an t-ùghar Tomás Carrasquilla nobhail a bha ìre mhath suidhichte an seo, air a bheil La Marquesa de Yolombó.

 

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha  6,091 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 20,025 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math neo-àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Yolombó, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 1.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga ann.  'S urrainn do 84.3% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 22.3% nan dachaigh.[5]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Yolombó. Chithear fèilltean  Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain

deasaich
  • El Rubi
  • La Floresta
  • Villanueva

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Climate Data
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag-fiosrachaidh DANE[dead link]
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Yolombó