Tomás Carrasquilla
B' e ùghdair à Coloimbia a bha ann an Tomás Carrasquilla Naranjo (Santo Domingo, 17 am Faoilleach 1858 - Medellín, 19 an Dùbhlachd 1940).[1]
Tomás Carrasquilla | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Santo Domingo, 17 dhen Fhaoilleach 1858 |
Dùthaich |
Poblachd Ghranada Ùire Coloimbia |
Bàs | Medellín, 19 dhen Dùbhlachd 1940 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (cnàmhainn) |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Antioquia |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | Q5964260 |
Gluasad | Costumbrismo (en) |
Beatha
deasaichB' e duine macanta bochd a bh' ann: na thàillear, na rùnaire san taigh-cùirte, na fhear-stoc ann am mèinn agus na chlèireach ann am Ministrealachd na h-Obrach Phoblach. A dh'aindeoin sin, leughadh e fad an t-siubhail agus b' e deagh ùghdar inntinneach a bh' ann cuideachd, a thug buaidh mhòr air a' ghinealach a lean e.[2] Cha robh Carrasquilla idir ainmeil nuair a bha e fhathast beò, mar a thuirt Federico de Onís, a tha na eòlaiche Carrasquilla. B' fheudar dha feitheamh gu ruige 1936, nuair a bha e 68 ans, mus an do bhuannaich e an Duais Nàiseanta ann an Litreachas. Thug ainm dhan Leabharlann Tomás Carrasquilla.
Thug Cogadh na Mìle Làithean bacadh air a chuid fhoghlaim san Oilthigh Antioquia.[3] B' e intellectuel engagé a bh' ann an Carrasquilla agus chuireadh e air dòigh Tertulias (cruinneachaidhean far a bhruidhinneadh mu leabhraichean) san taigh aige ann am Medellín. Ghabhadh mòran inntleachdach òg pàirt annta agus fiù's chanadh Maighstir Tomás Carrasquilla ris. Bha am feallsanaiche Fernando González Ochoa uabhasach deidheil air Carrasquilla. Thug e buaidh mhòr air Fernando Vallejo cuideachd.
Bha Onís[4] dhen beachd nach robh for aig duine sam bi ann an Coloimbia agus thall thairis air na rinn e aig an àm air sàilleabh gu robh Carrasquilla beò dìreach eadar da ghluasad eadar-dhealaichte ann an Aimearaga-Laideannach: costumbrismo (cleachdaidhean) agus romanticismo (romansachd) air an dara làmh agus, modernismo (modarnachd), a thog a ghuth an aghaigh costumbrismo. Bhathar dhen bheachd gu robh Carrasquilla a' gabhail ri costumbrismo, mar a thuirt Marín Bustos.[5] Bha e dall fad iomadh bliadhna ach rinneadh obair-lannsa air ann an 1934 agus fhuair e a lèirsinn air ais. Cha chuireadh an doille bacadh airsan a thaobh leughadh agus sgrìobhadh.
An obair aige
deasaichNobhailean
deasaich- (1896) Frutos de mi tierra.
- (1899) Manuel solano en los tiempos bola
- (1903) Salve, Regina
- (1906) Entrañas de niño
- (1910) Grandeza
- (1920) Ligia Cruz
- (1922) El Zarco
- (1926) La Marquesa de Yolombó
- (1935) Hace tiempos
- (1940) Amarguras
Sgeulachdan
deasaich- (1897) Simón El Mago
- (1897) En la diestra de Dios Padre
- (1897) Blanca
- (1898) El ánima sola
- (1899) San Antoñito
- (1901) A la Plata
- (1914) El Prefacio de Francisco Vera
- (1915) El Rifle
- (1915) La Mata
- (1926) Rogelio
Artaigilean
deasaich- (1914) Homilías
- (1934) Dominicales
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ El Colombiano
- ↑ Barrera Sánchez, Luis Carlos (1986-1992). Suplementos acerca de la vida y obra de Tomás Carrasquilla. Santo Domingo: Periódico Vanguardia Dominicana
- ↑ Banrepcultural
- ↑ De Onís, Federico (1970). Prólogo a Cuentos de Tomás Carrasquilla. Medellín: Bedout
- ↑ UTP