Volodymyr Ivasyuk
B' e bàrd, lighiche, seinneadair agus sgrìobhaiche òrain Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Volodymyr Mykhailovych Ivasyuk (Ucràinis: Володи́мир Миха́йлович Івасю́к, Kitsman 4 am Màrt 1949 - Lviv, 24 an Giblean 1979). S' ann do theaghlach bhùirdeasach a bhuinneadh e: bha athair na sgrìobhadair agus bha a mhàthair na neach-teagaisg. Rugadh an t-seinneadair Ani Lorak san taigh a bh' ann le Ivasyuk roimhe. Thug e ceum ann an eòlas-leighis on oilthigh an Lviv agus chaidh e dho sgoil ciùil ann an Lviv gus ceòl-sgrìobhaidh ionnsachadh cuideachd. Dh' fhàs e ainmeil gu h-obann ann an 1970 leis an òran Червона рута' (Gàidhlig: rù dearg).[1] Tha Sofia Rotaru fhathast ga sheinn. Chaidh a chorp a lorg agus e air a chrochadh ann an coille air iomall Lviv ann an 1979. Thuirt na Poileis gur e fèin-mhurt a bh' ann, ach dh' fhàg an teaghlach aige gun do rinn an KGB murt airsan.[2]
Volodymyr Ivasyuk | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kitsman, 4 dhen Mhàrt 1949 |
Dùthaich | An t-Aonadh Sobhiatach |
Bàs | Q4097488 , 26 dhen Ghiblean 1979 |
Àite-adhlacaidh | Lychakiv Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis |
fèin-mhurt murt duine (crochadh) |
Teaghlach | |
Athair | Mikhail Ivasyuk |
Foghlam | |
Foghlam | Acadamh-chiùil Lviv |
Cànain |
Ucràinis Ruisis |
Dreuchd | |
Dreuchd | lyricist (en) , ceòl-sgrìobhaiche, sgrìobhaiche òran agus seinneadair |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd | Chervona Ruta (en) |
Gnè ealain | bailead |
IMDb | nm0412207 |
ivasyuk.org.ua |