Uclés
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cuenca
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran 39° 58' 54 Tuath
02° 51' 44 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 64.61 km²
Àireamh-shluaigh 212 (2020)
Dlùths 3.28/km²
Àireamh fòn + 00 969
Duilleag oifigeil http://ucles.es/

'S e baile beag faisg air Tarancón, ann cridhe na Spàinne, suidhichte aig 863m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Uclés. Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Bedija. 'S ann ann an roinn Cuenca, ann an Castilla-La Mancha a tha e. Chan eil ach 212 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1]

Freumhan an Ainm

deasaich

Chan ann soilleir 's a tha freumh-fhaclachd an ainm Uclés. Tha cuid dhen bheachd gur ann às an treubh Ibèireach na Olcades, a stèidich baile san sgìre air an robh Hokulacum. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' ràdh gur ann à 'Ocilis air neo 'Oculis, allt beag a shruthas dhan Abhainn Bedija 's a th'ann. Chanadh Uqlīsh (أقليش) air aig àm nan Arabach.

Eachdraidh

deasaich

'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Uclés, leis gun do thachair dà chath cudromach an seo, fear anns na meadhan aoisean ach fear eile aig toiseach-tòisichidh na 19mh Linn. Ann an 1108 thug arm Ali ibn Yusuf ruaig air feachdan Crìostaidh. Ann an 1809, dh'fhulaing na Spàinntich call doirbh an aghaidh nam Fraingeach.[2] Thug an Rìgh Alfonso VIII am baile do dh' Òrdugh nan Ridirean Santiago ann an 1174, a chum e gu ruige 1493.[3] Chaidh Alonso de Ercilla y Zúñiga ainmeachadh na thighearna an seo. Chaidh am film Alatriste (2006) agus an sreath telebhisein Águila Roja (2016) fhilmadh an seo.

Àireamh-sluaigh

deasaich

Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Uclés. Bha 1,366 duine a' fuireach an ron Chogadh Sìobhalta.[4]

Bliadhna 1857 1900 1950 2000 2020
Muinntir 1093 1030 1276 313 212

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. David Gates, The Spanish Ulcer : A History of the Peninsular War, Lunnainn, Pimlico, 2002, (ISBN 0-7126-9730-6).
  3. Pérez Ramírez, Dimas. Uclés, cabeza de la Orden de Santiago. Tarancón, Seminario Menor, 1990.
  4. INE
  5. Real Academia de la Historia

Ceanglaichean A-mach

deasaich