Tubará
'S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis: municipio) faisg air Baranoa ann an Atlántico, Coloimbia,[1] a th’ ann an Tubará. Tha e suidhichte aig 203m os cionn ìre na mara agus 27km air falbh bho Bharranquilla, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach mu 26.5˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1553.
Neach bhon àite | Tubareño, Tubareña |
---|---|
Mòr-roinn | Aimearaga a Deas |
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Atlántico |
Domhan-leud is -fhad | 10°52′27″N 74°58′43″W |
Làrach-lìn | http://www.tubara-atlantico.gov.co/index.shtml |
Eachdraidh
deasaich'S e Tùsanaich Monacá a bha agus a tha a' fuireach anns an sgìre seo mus do ràinig na Spàinntich ann an 1533, le Perdo de Heredia os an cionn. Chan eil fios againne an latha an-diugh nan robh cànan Arawak no Carib a bha ga bruidhinn. Bha am manach Spàinnteach an Naomh Luis Beltrán a' fuireach an seo gu ruige 1565.[3] Stèidheachadh tèarmann thùsanach an seo ann an 1661 a mhair gu ruige 1886 nuair a ghairmeadh nach robh Tùsanach no Tùsanach fhathast beò ann: reiceadh an sgìre air fad dhan raon phrìobhaideach air sàilleabh gu robh Peatrail ann. Chaidh tèarmann thùsanach a chur air dòigh a-rithist, eadar 1905 agus 1948.[4] B' e cogadh sìobhalta eile a chur às dha.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 6,091 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 10,915 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e Tùsanaich a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Tubará, ach tha 0.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 37.8% daoine geala/mestizos ann. 'S urrainn do 87% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 5.6% nan dachaigh.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail iomadh seòrsa fhèis ann an Tubará. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Climate Data
- ↑ Corbín Ferer, Juan-Luis (1995). «Capítulo II: La Fonteta de Sant Lluís». Ruzafa: La bien plantada (3ª edición). Valencia: Federico Domenech. p. 69-71. ISBN 84-85402-88-X.
- ↑ Comunidad Monaká
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag-fiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia