Baranoa
Baranoa
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Atlántico | ||||
Àirde | 118m | ||||
Co-chomharran | 10° 47' 44' Tuath 74° 55' 10' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 127 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 51,571 (2005) | ||||
Dlùths | 406.07/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Caracolí ann an Atlántico, Coloimbia,[1] a th’ ann am Baranoa. Tha e suidhichte aig 118m os cionn ìre na mara agus 20km air falbh bho Bharranquilla, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 27.4˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1543.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 42,840 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 51,571 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Baranoa, ach tha 14.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 7.5% Tùsanaich ann. 'S urrainn do 92.1% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig16.8% nan dachaigh.[5]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail iomadh seòrsa fhèis ann am Baranoa. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.