An Todhar
(Air ath-sheòladh o Tore)
An Todhar | |
An Todhar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 32′ 19.63″ T 4° 19′ 58.25″ I |
Comharradh-clèithe | NH 604 524 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 64 (1961) |
Còd-puist | IV6 7 |
Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Todhar.
Is e baile beag ann an Ros an Ear a tha anns an Todhar (Beurla: Tore) [1][2]. A rèir Iain Mac an Tàilleir 's e "An Tòrr" an t-ainm a tha air a' bhaile[3] fad 's a tha Watson ag ainmeachadh "Tòrr"[4] agus "An Todhar"[5]. Tha am baile suidhichte air an Eilean Dubh mu 7 mìle iar-thuath air Inbhir Nis agus mu 5 mìle (8 km) ear-thuath air a' Bhlàr Dhubh.
Tha cearcall-rathaid mòr anns a' bhaile, far a bheil na rathaidean A832 agus A835 a' dealachadh bhon A9[6]. Tha e a' sgaradh a' bhaile le talla a' bhaile agus leis an sgoil air an dàrna taobh agus an stèisean-seirbheise air an taobh eile. Ann an 1961 bha 64 duine a' fuireach an seo[7].
Iomraidhean
deasaich- ↑ “An Todhar/Tore”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 113. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ Watson, W.J. (2003): “Placenames of Ross and Cromarty”, td. 118. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ Watson, W.J. (2003): “Placenames of Ross and Cromarty”, td. 143. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Tore Roundabout”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Tore” (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Tore Gazetteer for Scotland
Bailtean | Abhach • Am Blàr Dubh • A' Chananaich • A' Mhanachainn • An Todhar • Cromba • Drochaid Sguideil • Poll Lochaidh • Ros Maircnidh |
Uisgeachan | Abhainn nam Manach • Abhainn Chonainn • Linne Chrombaidh • Linne Mhoireibh • Linne Fharair |
Àitichean sònraichte | Eaglais Chille Mhìcheil • Camas Uadail • Tarbhdail • Rubha na Cananaich |