'S e baile mòr, port agus sgìreachd (Greugais: Περιφερειακή ενότητα) ann an ceann a tuath Poblachd na Grèige a th' ann an Thessaloniki (IPA: θesaloˈnici, Greugais: Θεσσαλονίκη, Turcais: Selanik). Tha Thessaloniki suidhichte faisg air Sindos, air costa na Mara Àigeanaiche, eadar Larissa agus Kavala san roinn (Greugais: Περιφέρεια) Κεντρικής Μακεδονίας (Meadhan Mhasadòinia), ri taobh Camas Thermatikos (Greugais: Θερμαϊκός Κόλπος), aig 250m os cionn ìre na mara. Tha 385,406 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an dara bhaile as motha na dùthcha a th' ann agus an treas baile na Mara Àigeanaiche cuideachd, an dèidh na h-Àithne agus İzmir.

Thessaloniki
baile susbainteach, port settlement, million city
Cur air cois315 BCE Deasaich
Ainm oifigeilΘεσσαλονίκη Deasaich
Ainm dùthchasachΘεσσαλονίκη Deasaich
Ainmichte às dèidhThessalonike of Macedon Deasaich
Cànan oifigeilGrèigis Deasaich
DùthaichA' Ghrèig Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailThessaloniki Municipality Deasaich
Roinn-tìdeUTC+02:00, UTC+03:00 Deasaich
Faisg air an uisgeThermaic Gulf Deasaich
Suidheachadh cruinn-eòlaisRìoghachd na Masadoine Deasaich
Domhan-leud is -fhad40°38′25″N 22°56′8″E Deasaich
Ceannard an riaghaltaisKonstantinos Zervas Deasaich
Crìoch còmhla riThermaic Gulf, Triandria Deasaich
Language usedGrèigis, Pontic Greek Deasaich
Duais a fhuair eErasmus Destination of the Year Deasaich
Cód a’ phuist530–539, 54015–54655, 56404 Deasaich
Bratachflag of Thessaloniki Deasaich
History of topichistory of Thessaloniki Deasaich
Patron saintDemetrius of Thessaloniki Deasaich
Economy of topiceconomy of Thessaloniki Deasaich
Ciad iomradh sgrìobhte4. century BCE Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Thessaloniki Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of Thessaloniki Deasaich
Cód fónaichean-talmhainn231 Deasaich
Map

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh mu 315 ro Ìosa Crìosd leis an righ Kassandros Antipatrou à Macedon.[2] 'S ann às an ainm Thessalía (Greugais: Θεσσαλία) a bha na sgìre agus nike (buadhmhor) a th' ann am Thessaloniki. Bheireadh sin Thessalía Bhuadhmhor dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Canadh Homer Aeolia (Greugais: Αἰολία) ris an àite.[3] Thuit am baile dha na Ròmanaich ann an 168 ro Ìosa Crìosd agus bha e na bhaile saor fodhpa bho 41 ro Ìosa Crìosd a-mach. Dh'fhàs am baile gu math beairteach tro mhalairt air an t-slighe Egnatia (Greugais: Ἐγνατία Ὁδός) eadar Dyrrachium agus Byzantium.[4] Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chèilidh Pòl à Tarsus air a' bhaile, mar a chithear ann an Gnìomharra nan Abstol.[5] B' ann ann an seo a dhealbhadh an Aibidil Cirileach. Roinneadh Leas-Rìoghachd Illyricum (Laideann: Praefectura praetorio per Illyricum) ann an dà dheth ann an 379 agus chaidh Thessaloniki ainmeachadh na phrìomh-bhaile. Nuair a thuit Impireachd na Roimh a-mach às a chèile ann an 476 ghabh Thessaloniki ri an Impireachd Bheasantian far an robh e gu ruige 1204, nuair a ràinig na ridir-croise. Gabh Impireachd nan Otomanach thairis air a' bhaile ann an 1430.[6] Thoisich Ar-amach nan Tuirceach Òga (Turcais: Jön Türk Devrimi) an seo ann an 1908.[7] Chuireadh na Tuircich agus na Muslamaich a-mach às a' bhaile agus an dùthaich ann an 1923.[8]

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Richard Wallace, Wynne Williams, The Three Worlds of Paul of Tarsus, Taylor & Francis, 2007
  3. Spark
  4. Amore, M G, L Bejko, Y Cerova, and I Gjipali. 2005. "Archaeological Reports and Notes - Via Egnatia (Albania) Project: Results of Fieldwork 2002". Journal of Roman Archaeology. 18: 336.
  5. Bible
  6. Nicol, Donald M. (1992). Byzantium and Venice: A Study in Diplomatic and Cultural Relations. Cambridge University Press. p. 371. ISBN 0-521-42894-7
  7. Necmettin Alkan: Selanik'in Yükselişi, Timaş Yayınları, 2012, ISBN: 9786050804348
  8. Dimitri Pentzopoulos: The Balkan Exchange of Minorities and Its Impact Upon Greece, Hurst, Lunnainn, 2002
  9. Kemal Anzac. 1998. Memories of Atatürk. Revolution Bookstore. d. 54. ISBN: 975-10-1392-5

Ceanglaichean a-mach deasaich