Suceava
Suceava
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Suceava | ||||
Co-chomharran | 47° 39 05' Tuath 26° 15 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52.10 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 92,121 (2011) | ||||
Dlùths | 1,768.16/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 30 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Botoșani agus Piatra Neamț, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann an Suceava (IPA: ˈsuˈtʃe̯ava, Ungairis: Szucsáva, Gearmailtis: Sedschopff/Sotschen, Pòlais: ˈSuczawa, Iùdais: שאָץ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Suceava fhèin, aig 300m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Suceava. Tha 92,121 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann às an fhacal szűcs (Gàidhlig: sginnear) ann an Ungairis air neo am facal Сочевиця (Gàidhlig: leantail) ann an Ucràinis agus an t-iar-leasachan Slàbhach –va 's a tha ainm a' bhaile.[2] A rèir Ptolomaidh bha dà threubh Ceilteach air an robh Anartes agus Taurisci nan tàmh an seo, ro teachd nan Ròmanach. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais air 10 an Gearran 1388 mar Cetatea Sucevei. Bha coimhearsnachdan làidir Iùdhaich, Ungairianaich, Airmeinianaich agus Gearmailteach nan tàmh an seo anns na meadhan aoisean. B' ann fo smachd nan Hambsburgach (agus an uair sin An Ostair agus Ostair-Ungaire) 's a bha Suceava bho 1775 gu ruige 1918. Ghabh Romàinia os làimh e an dèidh reifreann. Bha 3,496 Iùdhaich ann an Suceava ann an 1930: rinn na feachdan Ion Antonescu murt orra agus cha robh ach 27 dhuibh bèo an dèidh An Dàrna Cogaidh.[3]
Àireamh-shluaigh
deasaichÀ rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (91.3%) agus mion-chuid Uncranianaich (2.55%) a' fuireach ann an Suceava.