Botoșani
Botoșani
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Botoșani | ||||
Co-chomharran | 47° 44 46' Tuath 26° 39 58' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 41 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 106,847 (2011) | ||||
Dlùths | 2,606.02/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 31 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Bălți agus Suceava, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann am Botoșani (IPA: ˈbotoˈʃanʲ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Dresleuca, aig 170m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Botoșani. Tha 106,847 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann às an t-sloinneadh Botaș agus an t-iar-leasachan Romàinis -ani 's a th'ann an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1439. Thogadh eaglais Airmeinianach an seo an an 1626. Bhuinneadh am baile agus an sgìre mu timcheall air gu Moldobha fad 500 bliadhna, bho 1359 gu ruige 1859. Thàinig na ciad Iùdhaich gu Botoșani anns an 17mh Linn. B' ann uabhasach fhèin soirbheachail 's a bha iad agus, anns an 19mh Linn, bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile a-measg an fheadhainn na bu mhotha ann am Moldobha air fad. Gu mì-fhortunach, fhuair iad fìor dhroch làimhseachadh bhon nabaidhean Crìostaidhean agus thachradh aimhreit nan aghaidh bho àm gu àm.[2] Ann an 1930 bha 11,840 Iùdhaich nan tàmh ann, seach 36% muinntir a' bhaile. Chuir an deachdaire Ion Antonescu mòran dhuibh thall thairis gu Transnitria far a chaochail grunn daoine. Chan eil ach 125 Iùdhaich ann am Botoșani an latha an-diugh. Thuit Botoșani gu feachdan Aonaidh Sobhiataich air 28 am Màrt 1944.