Piatra Neamț
Kreuzburg an der Bistritz
Karácsonkő
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Neamț
Co-chomharran 46° 55 39' Tuath
26° 22 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 77.4 km²
Àireamh-shluaigh 85,055 (2011)
Dlùths 1,098.9/km²
Àireamh fòn +40 02 33
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Bacău agus Suceava, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann am Piatra Neamț (IPA: ˈˈpjatra ne̯amt͜s, seann ainm: Piatra lui Crăciun, Gearmailtis: Kreuzburg an der Bistritz, Ungairis: Karácsonkő). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bistrița, aig 345m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Neamț. Tha 85,055 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

deasaich

'S ann às na facail Piatra (Gàidhlig: clach) agus Neamț (Gàidhlig: Gearmailteach) ann an Romàinis 's a th'ann an t-ainm. 'S ann à Crăciun/Karácson (Gàidhlig: nollaig) ann an Romàinis/Ungairis 's a tha an t-seann ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1395, ged a thathar dhen bheachd gun tàinig na ciad daoine dhan àite eadhon 100,000 air ais. Bha am baile air an robh Petrodava, mun do sgrìobh Ptolomaidh san leabhar Geographica, dìreach 5km air falbh o Phiatra Neamț.[2] Thogadh Tùr an naomh Stiofain ann an 1499.[3] Thàinig na ciad Iùdhaich gu Piatra Neamț anns an 18mh Linn agus chaidh sionagog a thogail ann an 1766. Bhuinneadh am baile agus an sgìre mu timcheall air gu Moldobha fad 500 bliadhna, bho 1359 gu ruige 1859. Ann an 1907 bha 8,489 Iùdhaich nan tàmh ann, seach 50% muinntir a' bhaile. Chuir an deachdaire Ion Antonescu mòran dhuibh thall thairis gu Transnitria far a chaochail grunn daoine. Chan eil ach 125 Iùdhaich ann am Piatra Neamț an latha an-diugh. Thuit Piatra Neamț gu feachdan Aonaidh Sobhiataich air 23 an Lùnasdal 1944.

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Institutul Național de Statistică
  2. Friedrich August Nobbe, Claudii Ptolemaei geographia, Sumptibus et typis Caroli Tauchnitii, 1843.
  3. Gabriel Davidescu, Vasile Chirica, Mihai Cucolea, Istorie și viațǎ spiritualǎ în zona montanǎ și submontanǎ a neamțului, Editua PIM, Iași, 2005.
  4. Sarane Alexandrian, Victor Brauner, Editura Junimea, Iași, 2005.