Sigurður Ingi Jóhannsson
'S e fear-poileataigs Innis Tìle a th' ann an Sigurður Ingi Jóhannsson.[1] Rugadh e san 20 an Giblean 1962 ann an Selfoss. Tha esan na bhall Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), an treas fòrsa poileataigeach san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Sjálfstæðisflokkurinn. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2009 agus bha e na labhraiche eadar 2011 agus 2013. Bha Jóhannsson na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) eadar-amail bho 2016 gu ruige 2017. Fhuair e a chuid foghlaim air an dùtrhaich aig Menntaskólinn að Laugarvatni agus an uair sin aig Colaiste Rìoghail Leigheis is Àiteachas (Danmhairgis: Kongelige Veterinær- og Landbohøjskole) thall an Copenhagen san Danmhairg.
Caibineit Jóhannsson
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Jóhannsson os cionn an riaghaltais.[2] Bhuinneadh iad uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Sigurður Ingi Jóhannsson: Prìomhaire
- Bjarni Benediktsson: Ionmhais agus an Eaconomaidh
- Kristján Þór Júlíusson: Slàinte
- Illugi Gunnarsson: Foghlam agus Cultar
- Ragnheiður Elín Árnadóttir: Gnìomhachais is Malairt
- Eygló Harðardóttir: Cùisean Sòisealta agus Taigheadas
- Gunnar Bragi Sveinsson: Iasgach agus Àiteachas
- Ólöf Nordal: Rùnaire na Stàite
- Sigrún Magnúsdóttir: Àrainneachd agus Goireasan nàdarra
- Lilja Dögg Alfreðsdóttir: Dùthchannan Cèin
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-Theachdair: Sigmundur Davíð Gunnlaugsson (2016) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Bjarni Benediktsson (2017) |