Sogamoso
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Boyacá
Àirde 2569m
Co-chomharran 5° 42' 57' Tuath
72° 56' 00 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 209 km²
Àireamh-shluaigh 117,094 (2005)
Dlùths 560.26/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

'S e baile meadhanach ann am Boyacá,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Sogamoso. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 2,569m os cionn ìre na mara agus 76km air falbh bho Tunja. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann an Sogamoso, agus tha teodhachd mheadhanach mu 14.6˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1810.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha  96,828 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha mion-chuid eile, 20,266, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Sogamoso, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 0.2% Tùsanaich. 'S urrainn dhan 93.4% dhe na daoine ann an Sogamoso leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 55.3% dhe na dachannan.[6]

Eachdraidh

deasaich

Tha e coltach gun do ràinig in-imrich Chibcha dhan sgìre san 9mh Linn. Leig iad ealain anns na h-uamhan faisg air a' bhaile. A rèir beul-aithris nan Chibcha fhèin, b' e a' ghrian a chruthaich am baile agus bha an t-àite gu math cudromach ann an creideamh nan Tùsanach.[7] Ann an 1539 loisg na Spàinntich an teampall a bha air a thogail leis an zaque (rìgh) Sugamuxi. Thoisich an sgrìobhadair José Eustasio Rivera an nobhail La Vorágine a sgrìobhadh ann an Sogamoso, nuair a bha e a' fuireach an seo ann an 1922.

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail iomadach seòrsa fhèis ann an Sogamoso. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Climate Data
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. von Podewils Dürniz, Gertrud. Editorial Cromos ann am Bogotá, 1930. pg. 8 agus Strecker und Schöder ann an Stuttgart)
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Sogamoso