Sgùrr nan Gillean
'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr nan Gillean. Le 964m a dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann, agus 's e aon de na beanntan aig ceann a tuath a' Chuilthinn a th' ann. Gu tric 's i a' bheinn mu dheireadh a dhìricheas daoine a nì an cuairt fada air druim a' Chuilthinn.
Sgùrr nan Gillean | |
---|---|
Sgùrr nan Gillean (air an làimh chlì), Am Baisteir agus Bruach na Frìthe (air an làimh dheas), sealladh bho thuath | |
Àirde (m) | 964 |
Àirde (tr) | 3,162 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | An t-Eilean Sgitheanach |
Sreath bheanntan | An Cuiltheann |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 32 |
Comharradh-clèithe | NG47162531 |
Tha tourist route a ruigsinn a' mhullaich air druim an ear-dheas, agus sin an t-slighe as cumanta suas agus sìos. Ach chan eil e freagarrach don a h-uile neach-turais agus bidh mòran dhiubh a' tilleadh dìreach beagan meataran fon mhullach air sgàth 's gum fàs an druim cas agus caol. Ruigear am mullach cuideachd bhon àird an iar le bhith a' streap suas Nicholson's Chimney. B' àbhaist binnean a bhith faisg air sin ris an cainnte Gendarme, ach bhris e às agus thuit e ann an 1987.
Chan eilear buileach cinnteach mu mhìneachadh an ainm Sgùrr nan Gillean. Tha e a’ coimhead soilleir air a’ chiad sealladh, ach an àite gillean a tha a’ ciallachadh “balaich”, tha Drummond [1] a’ cur an aire gillean mar ainm Lochlannach a tha a’ tighinn bho gil, a tha a’ ciallachadh ”sgoltadh”. Dh'fhaodadh an dà mhìneachadh a bhith ceart. Tha beàrnan mòra eadar na còig binnein aig Sgùrr nan Gillean agus tha iad glè fhollaiseach gu h-àraidh bhon ear-thuath, ach chan fhaicear sin bhon mhuir. Mas e balaich a th’ anns na gillean, ’s e a’ cheist cò na gillean. Mas e fir a bh’ ann a bha a’ sreap còmhla ri Alexander Nicolson, bhiodh e neònach nach eil ainmean coltach ri Sgùrr Alasdair agus Sgùrr Thormoid air Sgùrr nan Gillean. Tha Alexander Nicolson a’ bruidhinn mu dheidhinn Sgùrr nan Gillean ann an artaigeal anns an Scottish Mountaineering Club Journal. [2] Tha sin a’ ciallachadh gun d’ fhuair a’ bheinn a h-ainm na bu thràithe na 1865.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 470 252
- Sgùrr nan Gillean air Munromagic
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid