A' Bheurla Ghallda

cànan Gearmainig
(Air ath-sheòladh o Scots language)

'S e cànan Tiùtonach a th' anns a' Bheurla Ghallda no Albais[1] (anns a chainnt fhèin: Scots san latha an-diugh agus Inglis gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air a' Ghalldachd is ann an Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba, agus ann an Ulaidh an Èirinn.

A' Bheurla Ghallda
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

1.5 millean ann an Alba
30,000 ann an Èirinn

  • Ciad chainnt:99,200
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

  • Gearmaineach
    • Gearmaineach an Iar
      • Gearmaineach a' Chuain a Tuath
        • Angla-Frìoslannach
          • A' Bheurla Ghallda
Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Alba
ISO 639-2 sco
ISO 639-3 sco

Eachdraidh a' Chànain

'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an Lodainn (agus an t-seann rìoghachd Shasannach Northumbria, anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den Ghàidhlig air Galldachd na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan Alba: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na Rìghrean agus am Pàrlamaid. An dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 ge-tà, chaidh crìonadh a dhèanamh oirre, agus tha Beurla air a h-àite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr bàrdachd ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e Raibeart Burns am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.

'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scottis' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na àite.

Ged as e Beurla Ghallda no Beurla na Galltachd a theirear gu h-eachdraidheil rithe, thathar a' toirt Albais oirre gu h-oifigeil sa Ghàidhlig bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh.

Prìomh Dhualchainntean

Faodar Albais a roinn na prìomh dhualchainntean mar na leanas: Albais Eileanach, Albais a Tuath, Albais Meadhan na h-Alba, Albais Ceann a Deas na h-Alba.

Aistean co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mar eisimpleir: “Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais”. BBC. Air a thogail 25mh dhen Dàmhair 2016.