San Juan del Cesar
San Juan del Cesar
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | La Guajira | ||||
Sgìre | Santa Marta | ||||
Àirde | 213m | ||||
Co-chomharran | 10° 46' 25' Tuath 73° 05' 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,415 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 33,654 (2005) | ||||
Dlùths | 23.78/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag ann am La Guajira, Coloimbia,[1] a th’ann San Juan del Cesar. Tha e suidhichte aig 213m os cionn ìre na mara agus 82km air falbh bho Valledupar. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 27˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1701.
Freumhan an Ainm
deasaichMar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Iain,[2] neo Juan ann an Spàinntis. 'S ann às an fhacal Chet-tzar neo Sasare, a tha a' ciallachadh uisge ciùin ann an cànan Tùsanach na sgìre, a thàing an t-ainm Cesar.[3]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 33,654 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 12,141 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San Juan del Cesar, ach tha 13.5% dhe Tùsanaich agus 11% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87% dhe na daoine ann an San Juan del Cesar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 28.8% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San Juan del Cesar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
deasaichChaochail Joaquín Riascos (1833 – 1875) an seo.