San Camilo, 1936
San Camilo, 1936 | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Camilo José Cela |
Bliadhna Foillseachaidh | 1969 |
Cànan | Spàinntis |
Dùthaich | An Spàinn |
Gnè-sgrìobhaidh | Nobhail còmhla ri monolog leth a-staigh |
Cuspair | Cogadh Sìobhalta na Spàinne |
Suidhichte | Madrid |
'S e nobhail às An Spàinn a sgrìobh Camilo José Cela 's a th' ann an San Camilo, 1936 (Madrid, 1969).[1] Suidhichte air Latha Fhèill Naoimh Camillus de Lellis, 's ann ann an trì caibideilean a tha an nobhail air a roinneadh: am feasgar roimhe, an latha fhèin agus an t-seachdainn a lean Fèill an Naoimh air 14 an t-Iuchar 1936 am Madrid, an latha a thoisich Cogadh Sìobhalta na Spàinne.[2]
Dìreach mar a rinn Séamus Seoige ann an Ulysses, tha an nobhail air a sgeulachadh tro mhonolog leth a-staigh, ach ann an dara phearsa, leis gu bheil an t-aithriseach a' dèanamh faoisid ris fhèin ann an sgàthan. Cuideachd, bho àm gu àm, 's e caractar eile air a bheil Jesualdo Villegas (neach-aithris leis a' Phàipear-naidheachd El Sol) a bhios gar bruidhinnn. Thathar ag ràdh gur e Cela fhèin 's ann am Villegas agus nochd dealbh an sgriobhadair nuair a bha e 20 bliadhna a dh'aois air còmhdaich an nobhail nuair a chaidh fhoillseachadh airson a' chiad turas ann an 1969. Chan eil e idir follaiseach fiù's cò th'ann Villegas aig toiseach toiseachaidh an leabhair.
A dh' aindeoin sin, ged-tà, tha corra teacsa seanchasail ann, air an sgrìobhadh anns an treas phearsa. Cuideachd tha pìosan goirid ruisg ann, a nì iomsgaradh eadar am monolog fhèin agus criomagan ruisg a leughadh tu aig an àm (stuth as an rèidio agus na meadhannan, sanasan-reic, pìosan air an sgrìobhadh ann am bathar, 's a leithid), a chleachdas an sgrìobhadair airson meòrachadh a dhèanamh mu bheatha nan daoine, le fìor cho-theagsa sòisealta nan caractar ann am Madrid aig an àm ud air cùl-gnothaich. Fhad 's a tha seo uile a' tachairt, thathar a' sealltainn dhuinn iomadh caractar eile, às gach diofar àite sa cho-chomainn: uachdaran beairteach agus daoine bochd macanta nam measg, is chan eil fios aig gin dhuibh gu bheil cùis-mhulaid gu bhith ann.
Mu dheireadh thall, a bharrachd air an structar trìbilte sin, chithear monolog an uncail Jeronimo (Spainntis:Monólogo del tío Jerónimo) bràthair-athar a tha a' gabhail ri Riaghaltas Poblachdach na dùthcha.[3] 'S ann anns a' mhonolog 's a tha seo far a bhios bràthair-athar a' beachdachadh air na trì beusan diadhaireach mar a thogras e: creideas anns a' bheatha, dòchas a' bhàis agus cathrannas nan daoine agus, gu seachd-àraidh, cùl a chur air adhbharaicheas. A thaobh phoileataigs, tha e dìreach a’ gabhail ris a bhith reusanta modaratach agus beachdan eastramach a seachnadh.
Nochd an nobhail 's a tha seo ann an liosta nan ceud nobhailean as fhèarr air an sgrìobhadh sa Spàinntis anns an 20mh linn, a rèir a' phàipeir naidheachd Tòraidheach El Mundo.[4] Thathar daonnan a' fàgail air Cela nach eil co-fhaireachadh aige agus seo a leughar aig amannan san nobhail, anns an dòigh a bhruidhinneas e mu na daoine bochda agus boireannaich, gu seachd-àraidh striopaich a tha e a' faicinn mar rudan an àite daoine.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Españaescultura
- ↑ Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5
- ↑ academia.edu
- ↑ elmundolibro.com
- ↑ Instituto Cervantes