Valladolid
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Valladolid
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8,110 km²
Àireamh-shluaigh 534,874 (2014)
Dlùths 65.95/km²
Àireamh fòn +(983)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Valladolid (IPA: baʎaðoˈlið). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Valladolid a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Valladolid fad 8,110 km²[3] agus tha 534,874 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 28mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 29mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Burgos, León, Palencia, Salamanca, Segovia agus Zamora.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Vallis Tolitum (Gàidhlig: Gleann nan Uisgeachan), ann an Ceilteach-ibearais. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Vallis Olivetum (Gàidhlig: Gleann nan Dearcan-ola) B' e Vallisoletum a bha air fad nam meadhan aoisean.[6] Chaidh an t-ainm arabachadh gu بلد الوليد (Balad al-Walīd): Bheireadh sin Baile Walid dhuinn anns a' Ghàidhlig.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas deasaich

Tha dà iadhtag ann a bhuineas do Valladolidː Roales y Quintanilla ann an ceann air an àirde an iar-thuatha tuath na roinne, ann an Zamora agus Dehesa de San Llorente, ann an León ann an ceann a tuath.[8] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
  7. Marín M., et al., The Formation of Al-Andalus: History and Society, Ashgate, 1998, ISBN 0-86078-708-7
  8. Pueblo en Pueblo