Zamora
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Zamora
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 10,561 km²
Àireamh-shluaigh 193,383 (2014)
Dlùths 18.31/km²
Àireamh fòn + (980)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Zamora (IPA: θaˈmoɾa). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Zamora a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Zamora fad 10,561km²[3] agus tha 193,383 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 26mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 45mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le León, Ourense, Salamanca, Valladolid agus A' Phortagail.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Οκελοδούρον (Okelodùron), a bha fo bhuaidh nan Vettoni, treubh Cheilteach às an sgìre seo, mar a sgrìobh Strabo. Bha Dia Ceilteach ann air an robh Octo.[6] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Ocelus (Gàidhlig: Cnoc) agus Durum (Gàidhlig: Dùn), eileamaidean a tha gu math cumanta ann an Ceiltis air feadh na Spàinne. B' e Oceloduri (Sùilean an Duro) a bha air fo na Ròmanaich.[7] Nochd am foirm Semure fo na Godaich, a chaidh arabachadh gu سمورة (Samura). Tha teòiridh eile ann, a chanas gur ann às a' ghnìomhair Samar ann an Eabhra,[8] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Schulten A., (1937), "Octodurum", RE. XVI1, nº2 col, 1868
  7. Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
  8. Instituto Cervantes