Ávila
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Ávila
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8,050 km²
Àireamh-shluaigh 172,704 (2014)
Dlùths 21.45/km²
Àireamh fòn + (920)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ávila (IPA: aβila). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Ávila a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ávila fad 8,050km²[3] agus tha 172,704 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 30mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Madrid, Salamanca, Segovia, Toledo agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha e coltach gur ann à Obila no Abula ann am punagais no Basgais a tha a' ciallachadh cnoc no crìoch.[6] Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Abila/Abela ann an Laideann.[7] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' gràdh gur ann às a' Ghotais Awilô no Awila,[8] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Biblioteca Digital
  7. Abulenses
  8. Topica Hesperica, Corominas J., 1972, ISBN 9788424904531