Segovia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Segovia
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,796 km²
Àireamh-shluaigh 164,169 (2014)
Dlùths 24.16/km²
Àireamh fòn + (921)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Segovia (IPA: seˈɣoβja). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Segovia a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Segovia fad 6,796km²[3] agus tha 164,169 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 37mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Burgos, Guadalajara, Madrid, Soria agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha a h-uile coltas ann gur ann à Segobriga a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho Sego (Gàidhlig: buaidh) agus briga (Gàidhlig: dùn). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an Alba, leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na cànain Gearmailteach (sieg agus burg). Chaidh an t-ainm arabachadh gu شقوبية (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an Laideann a tha ga chleachdadh a-nis.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh Livius agus Ptolomaidh faisg air Saelices, ann an Cuenca. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica), Galmés de Fuentes A., Real Academia de la Historia, Madrid, 2000