Sevilla
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Sevilla
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 14,036 km²
Àireamh-shluaigh 1,928,962 (2014)
Dlùths 137.43/km²
Àireamh fòn + (95)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Sevilla (IPA: seˈβiʎa). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Sevilla a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Sevilla fad 14,036km²[3] agus tha 1,928,962 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an còigeamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Badajoz, Cádiz, Córdoba, Huelva agus Málaga.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à Spal (Gàidhlig: àite làn) ann an Tartesianais a tha an t-ainm.[6] Chaidh sin atharrachadh gu Hispalis ann an Laideann fo na Ròmanaich agus an uair sin gu أشبيليّة (Ishbiliya) ann an Arabais air sàilleabh nach robh P anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin. ‘S ann mar sin a thàinig am facal Sevilla dhuinn an ann Spàinntis an latha an-diugh.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.
  7. Lapesa, Rafael (1981). Historia de la lengua española. Rba Publicaciones. ISBN 8424900723., p.140