'S e breithneachadh mu dhiadhaireachd an latha an-diugh a thoisich ann an Aimearaga-Laideannach an dèidh Dara Comhairle na Bhatacain agus Co-labhairt de Mhedellín (Coloimbia, 1968) a th' ann an Diadhaireachd an t-saoraidh. B' e na sagartan Gustavo Gutiérrez Merino (Pearù),[1] a sgrìobh Historia, Política y Salvación de una Teología de Liberación (1973), agus Leonardo Boff (Braisil) an dithis a bha a bu mhò an sàs innte aig an toiseach tòisichidh. Canar gur e an slighe a thug cuid a dhaoine am broinn na h-Eaglaise do dh'aintighearnas is fo-leasachadh nan daoine aca a th' ann an Diadhaireachd an t-saoraidh.[2] Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air Fidel Alejandro Castro agus bha esan agus Boff nan deagh caraidean.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. Liberation Theology
  2. Land Reform
  3. Deutsche Welle