'S e sagart agus diadhair Caitligeach a th' ann an Leonardo Boff (Fìor ainm: Genézio Darci Boff, Concórdia, 14 an Dùbhlachd 1938).[1] Tha e air a bhith an sas ann an diadhaireachd an t-saoraidh fad a bheatha.

Leonardo Boff
Leonardo Boff, 2003 (cropped).jpeg
Beatha
Ainm slàn Genézio Darci Boff
Breith Concórdia, 14 dhen Dùbhlachd 1938
Dùthaich  Braisil
Àite-fuirich Petrópolis
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Cànain Portagailis
Dreuchd
Dreuchd sagart Caitligeach, diadhair, sgrìobhadair agus feallsanaiche
Fastaichean Universidade do Estado do Rio de Janeiro (en) Translate
Oilthigh Shalamanca
Duaisean a fhuaras
Gluasad diadhaireachd an t-saorachaidh
Far-ainmean Leonardo Boff
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Òrd Franciscans (en) Translate
leonardoboff.org

BeathaDeasaich

Bhuineadh na sinnsearan aige do Venezia thall san Eadailt, a dh' fhàg iad aig deireadh an 19mh Linn. Tha a bhràthair Clovis na shagart cuideachd.[2] Fhuair e a cuid fhoghlam ann an Concórdia fhèin, Rio Negro, agus Agudos. Thug e ceum ann am feallsanachd à Oilthigh Churitiba agus ann an diadhaireachd à Oilthigh Caitligeach Phetrópolis. Ann an 1959 ghabh e ann an cuideachd nan Frainseasach. Mu dheireadh thall, fhuair e dotaireachd ann an diadhaireachd à Oilthigh Mhünchen, ann an 1970. B' e Karl Rahner a stiùir Boff tron teusas aige, Die Kirche als Sakrament im Horizont der Welterfahrung. Thug na sgrìobh Martin Heidegger buaidh mhòr air Rahner.[3] B' e ball a' Chomainn Iosaid a bh' ann Rahner.[4]

Diadhair an t-SaoraidhDeasaich

Eadar 1970 agus 1992 bha e na ollamh ann an diadhaireachd eagarach agus eadar-eaglaiseach ann an Institiud Frainseasach na Diadhaireachd ann an Petrópolis a bharrachd air a chuid obrach ann an corra oilthigh eile ann am Braisil. Eadar 1970 agus 1985 bha e na dheasaichear aig Vozes agus bha e an lùib: Théologie et Libération. B' e esan a dheasaich cruinneachadh na sgrìobh Carl Gustav Jung[5]. Chuideachd dheasaich e Eclesiástica Brasileira bho 1970 gu ruige 1984 agus Cultura Vozes bho 1984 gu ruige 1992 a bharrachd air Revue Internacional la Consultation eadar 1970 agus 1995. Cuideachd ann an 1992 fhuair e dotaireachd honoris causa à Oilthigh Lund agus tha e ann an co-luadar le corra dhaoine san Eaglais anns an t-Suain fhathast.[6]

Ann an 1984 chaidh a ghairm dhan Bhatacain le Buidheann Mion-cheasnachadh Mòr na h-Eaglaise, air a stiùireadh le Joseph Ratzinger, far an d' fhuair e fìor dhroch chàineadh air sgàth na sgrìobh e san leabhar aige Igreja: carisma e poder, a ghabhadh ri Diadhaireachd an t-saoraidh. An ath bhliadhna, ann an 1985, chuir an eaglais peanas air Boff air sàilleabh gu robhar dhen bheachd gu robh ceangal làidir ann eadar Diadhaireachd an t-saoraidh agus Marxachas:[7] B' e sàmhchair agus a ùmhlachd bhathar a' sireadh bhuaithe. A dh'aindeoin seo, cha robh na rinneadh dha cho doirbh an taca ri na rinneadh dhan Fhraingeach Jacques Pohier, is lean Boff air mar shagart is e gu math gnìomhach san eaglais ann am Braisil fhèin.[8]

Ann an 1992, leis gu robh e a' dèanamh coimhearsnachd làidir an aghaidh ceannardan nam Frainseasach agus a’ càineadh gu cunbhalach mu na dhèanadh Pàpa Iain Pòl II, chaidh a chur a-mach às an dreuchd aige mar shagart agus chaidh a dh'fhuireach ri boireannach air a bheil Marcia Maria Monteiro de Miranda. Cha do phòs iad. Tha Boff air sianar duine-cloinne a dh'uchd-mhacachd, agus tha dithis oghaichean aige cuideachd. Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air Fidel Castro agus bha esan agus Boff nan deagh charaidean.[9]

ÀrainneachdDeasaich

Thuirt Boff, ann an òraid a rinn e aig an treas Forum Diadhaireachd agus Saoradh na Cruinne ann am Belém ann an 2009, gu robh esan a' gabhail ri Gaia, an teòiridh a chruthaich am fear-saidheans James Lovelock. 'S ann gu bheil an saoghal ag obrachadh mar mhòr-bheathach a tha an teòiridh sin ag obair.[10] Chan ann mar phròiseas teicnigeach a dh fheumas sinn a' smaoineachadh air eag-eòlas airson goireasan a sholarachadh, ach mar ealain – 's e ìre ùr ann an dàimh eadainn agus nàdar 's a th' ann sin ars esan, agus mura nithear sin, lean an saoghal air, ach 's dòcha às ar n-aonais.

Na Sgrìobh eDeasaich

  • Saber cuidar. Petrópolis: Vozes, 2011.
  • O evangelho do Cristo Cósmico. Petrópolis: Vozes, 1971.
  • O caminhar da igreja com os oprimidos - Do vale das lágrimas à terra prometida. Rio de Janeiro: Codecri, 1981.
  • Casamento entre o céu e a terra. Rio de Janeiro: Salamandra, 2001.
  • A Águia e a Galinha. Petrópolis: Vozes, 2002.
  • Experimentar Deus. A transparência de todas as coisas, Campinas: Verus, 2002.
  • São José, a personificação do Pai. Campinas: Verus, 2005.
  • Igreja: carisma e poder. Ensaios de uma eclesiologia militante. São Paulo: Record, 2005.
  • Ética da vida. Rio de Janeiro: Sextante, 2005.
  • A força da ternura. Pensamentos para um mundo igualitário, solidário, pleno e amoroso. Rio de Janeiro: Sextante, 2006.
  • Masculino e Feminino. Experiências vividas. Rio de Janeiro: Record, 2007.
  • Homem: Satã ou Anjo Bom. Rio de Janeiro: Record, 2008.
  • Ecologia, Mundialização, Espiritualidade. Rio de Janeiro: Record, 2008.
  • O Evangelho do Cristo cósmico. A busca da unidade do Todo na ciência e na religião. Rio de Janeiro: Record, 2008.
  • Eclesiogênese: a reinvenção da Igreja. Rio de Janeiro: Record, 2008.
  • Meditação da Luz - O caminho da simplicidade. Petrópolis (RJ): Vozes, 2009

IomraidheanDeasaich

  1. Leonardo Boff
  2. Editions du Cerf
  3. Nuevo Mundo
  4. Karl Rahner von Albert Raffelt, Hansjürgen Verweyen, C.H.Beck, 1997 ISBN 3-406-41941-0
  5. Leonardo Boff
  6. Lunds Universitet
  7. Mídia Sem Máscara
  8. The Silencing of Leonardo Boff: Liberation Theology and the Future of World Christianity, oleh Harvey Cox, (1988) ISBN 0-940989-35-2
  9. Deutsche Welle
  10. Sentier de Foi
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: