An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Selim II"
Chaidh duilleag le "{{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e aonamh cheannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu (Gàidhlig: ''Impireachd nan Otomanach'') a bh' an..." a chruthachadh |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 12:59, 27 dhen Iuchar 2017
B' e aonamh cheannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu (Gàidhlig: Impireachd nan Otomanach) a bh' ann an Süleyman II (far-ainmean: Sarhoş - drongaire - Sarı - bàn- Istanbul 28 an Cèitean 1524 - Istanbul 12 an Dùbhlachd 1574).[1] B' e an còigeamh mac Süleyman I agus Hürrem Sultan a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1566 gus a chaochail e ann an 1574. Cha robh e idir coltach gum biodh esan na shultan ach b' e seannsa a bh' ann màthair adhbhar na cùise: chaochail a bhràthair Mehmed leis a' ghalar bhreac, chaidh a leth-bhràthair Mustafa a mhùchadh le athair agus chuir Selim I agus Selim II gu bàs a bhràthair eile, Şehzade Bayezid. Phòs e aig Cecelia Venier Baffo ann an Konya ann an 1545.[2] Cha robh uidh aige air cogadh agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Chuireadh e seachad a h-ùine is e ri raoitearachd is geòcaireachd.[3] Cha do chuidich Impireachd nan Otomanach ar-a-mach nam Muslamach thall ann an Granada san Spàinn. Chuir e ainm gu còrdadh na sìthe le Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (Gearmailtis: Heiliges Römisches Reich). Chailleadh Cath Lepanto an aghaidh An Spàinn agus corr dhùthaich san Eadailt ann an 1571 agus cha b' urrainn Impireachd nan Otomanach a cuid talmhainn a leasachadh san Ruis. Bha an dùthaich beagan na bu shoirbhachaile ann an Hejaz, Tunis agus Iemen.[4]
Selim II | |||||
---|---|---|---|---|---|
1566 (Gregorian) - 1574 (Gregorian) ← Suleiman Greadhnach - Murad III → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Istanbul, 28 dhen Chèitean 1524 | ||||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||||
Àite-fuirich | Lùchairt Topkapı | ||||
Bàs | Istanbul, 9 dhen Dùbhlachd 1574 | ||||
Àite-adhlacaidh | Hagia Sophia (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Suleiman Greadhnach | ||||
Màthair | Hürrem Sultan | ||||
Càraid |
Afife Nurbanu Sultan (en) Selimiye Sultan (en) | ||||
Clann |
liosta
| ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | riaghladair | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Ioslam | ||||