Murad III
B' e dara Shultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Murad III (far-ainmean: Kayser-i Rûm - Cèasar an Roimhe - İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - Neach-glèidhidh an dà mhosg - Bozdağan 4 an t-Iuchar 1546 - Istanbul 15 am Faoilleach 1595).[1] B' e a' chiad mhac Shelim II agus Afife Nurbanu Sultan a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1574 gus a chaochail e ann an 1595. An dèidh a timcheall-ghearraidh chaidh ainmeachadh riaghladair (Turcais: sancakbeyi) air Akşehir le a sheanair Süleyman I agus an uair sin Saruhan nuair a bha e 18 bliadhna a dh' aois. Nuair a chaochail Selim I chaidh Murad III ainmeachadh na riaghladair ann am Manisa, an aghaidh an tradaisein.[3] Thoisich e a bhith na shultan is e a' chur a chòignear bhràithrean gu bàs los gun seasadh iad na aghaidh. Bha 21 mic aige, is chaidh 20 dhuibh a chur gu bàs nuair a dh'eug am athair. A bharrachd air sin, chaill e 16 nigheannan a-mach à 20 dhan a' phlàigh.[4] B' e gur robh suidheachadh eaconomach na h-Impireachd gu math cugallach nuair chaidh Murad III a chrùnadh. Bha an Roinn-Eòrpa loma-làn airgead is òr à Aimearaga, agus bha atmhorachd na thrioblaid chruaidh dhan dùthaich. A bharrachd air sin, thoisich an Roinn-Eòrpa ri teicneolas ùr a dhèanamh agus b' fheudar dhan Impireachd phàigh mòran air a shon-sa. Bha an dùthaich ann an cogadh gu math cosgail fad 12 bliadhna an aghaidh Iran gu ruige 1590. Cha d'fhuaras ach pìos beag talmhainn ann an Cabhcas a fhuair Iran air ais ann an 1618.[5] Cha robh uidh aige air cogadh agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Cha deidheadh e a-mach à Istanbul agus fiù ’s cha deidheadh dhan Mhosg los gun cuireadh an t-arm aige gu bàs e.
Murad III | |||
---|---|---|---|
1574 (Gregorian) - 1595 ← Selim II - Mehmed III → | |||
Beatha | |||
Breith | Manisa (en) , 4 dhen Iuchar 1546 | ||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
Àite-fuirich | Lùchairt Topkapı | ||
Bàs | Istanbul, 16 dhen Fhaoilleach 1595 | ||
Àite-adhlacaidh | Q55700546 | ||
Teaghlach | |||
Athair | Selim II | ||
Màthair | Afife Nurbanu Sultan | ||
Càraid |
Safiye Sultan (mul) Şemsiruhsar Hatun (en) Nazperver Sultan (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Foghlam | |||
Cànain | Turcais | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | riaghladair | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam Sunnitheach | ||
Iomraidhean
deasaich- ↑ All About Turkey
- ↑ Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑ Felek, Özgen. (2010). Re-creating image and identity: Dreams and visions as a means of Murad III's self-fashioning. Ph.D. Thesis. University of Michigan. Ann Arbor: ProQuest/UMI. (Publication No. 3441203)
- ↑ Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453--1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0
- ↑ Roemer, H.R. (1986). "The Safavid period". The Cambridge History of Iran, Volume 5: The Timurid and Safavid periods. Cambridge: Cambridge University Press. ISBN 9780521200943