Rionegro
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Oriente
Àirde 2130m
Co-chomharran 06° 09' 19' Tuath
75° 23' 20' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 198 km²
Àireamh-shluaigh 100,502 (2005)
Dlùths 507.59/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Rionegro neo Santiago de Arma de Rionegro. Tha e suidhichte aig 2,130m os cionn ìre na mara 45km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 17˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1541.

Freumhan an ainm

deasaich

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm San Nicolas (Naomh Niocal) o thùs. Chaidh sin a dh'atharrachadh gu Santiago de Arma de Rionegro ann an 1783 nuair a ràinig daoine às a' bhaile siud dhan àite far a bheil Rionegro an latha an-diugh.[3] Tha Santiago (Naomh Sheumais) anns an Spàinn.[4] Tha an t-ainm Rionegro a' ciallachadh Abhainn Dhubh, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: negro (dubh) bhon fhacal Laideann niger[5] agus río (abhainn) bon fhacal Laideann rius.[6] Tha am baile suidhichte anns an sgìre far a sruthas uisgeachan na h-aibhne Río Negro.[7]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha 100,502 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 35,850 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Rionegro, ach tha 1.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.7% dhe na daoine ann an Rionegro leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 87.1% dhe na dachannan.[10]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Rionegro. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Ricardo Rendón (18941931): Dealbhadair.

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Santiago de la Compostela
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Real Diccionario de la Lengua
  7. Fiosrachadh a’ Chomhairle
  8. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  9. Colombia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Rionegro