Regensburg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Sgìre Bayern
Co-chomharran 49° 01' 02' Tuath
12° 05' 49' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 80.76 km²
Àireamh-shluaigh 140,276 (2013)
Dlùths 1,736.95/km²
Àireamh fòn +49 (0)941
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile mòr faisg air Nürnberg, air an àirde an ear-dheas na Gearmailte a th’ ann an Regensburg (Fraingis: Ratisbonne, Beurla: Ratisbon, Eadailtis/Laideann/Spàinntis: Ratisbona). Tha e suidhichte aig 343m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Regen agus Dainiub, am broinne na stàite Bayern. Tha am baile 215km air falbh bho Stuttgart, 105km bho Mhünchen, 111km bho Phassau agus 401km bho Bherlin. Tha 140,276 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

deasaich

B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Regensburg a bh' ann bho 1803 gu ruige 1810.[2]

Bha manachainn Albannach ann. Chaidh Eaglais Naoimh Seumais a stèidheachadh le manaich à Èirinn anns an 11mh linn agus chaidh a thar-aiseag le Pàpa Leo X fo smachd Albannach ann an 1515. An dèidh dhan Ath-leasachaidh, dh'frithealaich am manachainn mar cholaiste nam miseanaraidh. B' e an aba mu dheireadh a bha ann am Benedict Arbuthnot agus an dèidh a bhàs ann an 1820 chaidh an abaid na priòireachd is chuireadh crìoch air eachdraidh Albannach na h-eaglaise.[3]

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Destatis
  2. Köbler, Gerhard (1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich: Verlag C. H. Beck. p. 639. ISBN 3-406-33290-0
  3. Geschichte ('Eachdraidh')(Gearmailtis). Die Schottenkirche St. Jakob in Regensburg. Air a thogail 12mh dhen Chèitean 2020.

Ceanglaichean a-mach

deasaich