Johann von Lamont
B' e reul-eòlaiche à Alba a bha ann an Johann von Lamont no Iain MacIlleDhuibh.[1]
Johann von Lamont | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bràigh Mhàrr, 13 dhen Dùbhlachd 1805 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Bogenhausen (en) , 6 dhen Lùnastal 1879 |
Àite-adhlacaidh | Bogenhausener Friedhof (en) |
Foghlam | |
Oileanaich dotaireachd | Philipp Carl (en) |
Cànain | Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | fiosaigiche, reul-eòlaiche, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan |
Far-ainmean | Johann von Zach |
- Airson an neach-poileataigs a riochdaich na Crìochan ann am Pàrlamaid na h-Alba agus Westminster, faic John Lamont.
Rugadh e ann am Bràigh Mhàrr ach chaochail athair nuair nach robh Iain ach 12 bliadhna a dh'aois is dh'imrich e gu manachain ann an Regensburg anns a' Bhaidhearn. Chaidh e na chuidiche aig amharc-lann ann am Bogenhausen faisg air München ann an 1823 agus mhaireadh e an sin airson 51 bliadhna. Dh'ionnsaich e reul-eòlas aig Oilthigh Mhünchen agus sgrìobh e a thràchdas an sin. Chaidh e na stiùiriche na h-amharc-lainn ann an 1835 agus na ollamh reul-eòlais aig an Oilthigh ann an 1852. Rannsaich e iùl-tharraing na Thalmhainn agus dh'àireamhaich e reul-chuairtean gealaichean Ùranais is gealaich Satairn. Rinn e meas air tomad Ùranais cuideachd le coimheadachdan air a ghealaichean.[2]
Urraman
deasaichNuair a chaidh e na ridire na Baidheirn, fhuair e "von" aig ainm.[1] Chaidh sloc air a' Ghealaich, ann am Muir a' Chiùineis, ainmicheadh air.[3]
Leabhraichean
deasaich- Handbuch des Erdmagnetismus ('Leabhar-làimhe Iùl-tharraing na Talmhainn', 1849)
- Astronomie und Erdmagnetismus ('Reul-eòlas agus Iùi-tharraing na Thalmhainn', 1851)
- Handbuch des Magnetismus ('Leabhar-làimhe na h-Iùl-thàirnge', 1867)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 MacIlleathain, Ruairidh: “Litir do Luchd-ionnsachaidh - Litir 435: Iain MacIlleDhuibh”. learngaelic.scot. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ “Johann von Lamont”, Physics Today. 13mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ MacIlleathain, Ruairidh: “Litir do Luchd-ionnsachaidh - Litir 436: Johann von Lamont”. learngaelic.scot. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2020.