Rabairt Bontine Coineagan Greumach

neach-poileataigs Breatannach (1852-1936)

B' e neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-naidheachd, agus cruadalaiche a bh' ann an Rabairt Bontine Coineagan Greumach (Robert Bontine Cunninghame Graham, 24 An Cèitean 1852 – 20 Am Màrt 1936). Bha e na Bhall-Pàrlamaid (Am Pàrtaidh Libearalach). Ann an 1928, nuair a chuir Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (National Party of Scotland) a chuir air bhonn, bha e aon de na luchd-stèidheachaidh, agus ann an 1934, bha e na chiad cheann-suidhe aig Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Rabairt Bontine Coineagan Greumach
member of the 24th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

1 dhen Iuchar 1886 - 28 dhen Ògmhios 1892
Sgìre: North West Lanarkshire (en) Translate
Taghadh: 1886 United Kingdom general election (en) Translate
Beatha
Breith Lunnainn, 24 dhen Chèitean 1852
Dùthaich  An Spàinn
 Rìoghachd Aonaichte
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann  12 dhen Ghiblean 1927)
Bàs Buenos Aires, 20 dhen Mhàrt 1936
Àite-adhlacaidh Inchmahome Priory (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
Athair William Cunninghame Graham Bontine
Màthair Anne Elizabeth Bontine (née Elphinstone-Fleeming)
Cèile Gabriela Cunninghame Graham (en) Translate
Foghlam
Foghlam Sgoil Harrow
Cànain Spàinntis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, cànanaiche, neach-poileataigs, eachdraiche, eadar-theangair, neach-naidheachd, beatha-eachdraiche, sgrìobhadair, world traveler (en) Translate agus naidheachdair-bheachdan
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Am Pàrtaidh Libearalach
Rabairt Bontine Coineagan Greumach.

Rugadh R. B. Cunninghame Graham ann an Lunnainn. Bha athair, Màidsear William Bontine, anns an arm. B' ann às an Spàinn a bha màthair màthar, agus b' i Spàinntis a' chiad chànan aig Robert cuideachd. Chaidh a thogail ann an Siorrachd Rinn Friù agus ann an Siorrachd Dhùn Breatann ann an Alba. As dèidh do Robert sgoiltean fhàgail, chaidh e dhan Argantain airson airgead a dhèanamh mar àireach.

Bha a seanmhair taobh a' mhàthair na leadaidh Spàinnteach, Doña Catalina Paulina Alessandro de Jiménez. Ach a dh'aindeoin àrach uasal, bha Rabairt na sòisealach a’ sabaid airson còraichean duine eile, ann an Alba agus thall thairis. Ged a rugadh Raibeart ann a Lunnainn ann a 1852, chuir e seachad a cuid as motha dhen leanabachd aige air oighreachd an teaghlach, Finlaystone House, ann a Inbhir Chluaidh agus ann an Ardoch Siorrachd Dhùn Breatann. Bha buntanas aige ris a' Spàinn, agus leis gun robh buaidh mhòr aig a mhàthair agus a sheanmhair air Raibeart òg, b' e Spàinntis a' chiad chànan aige.

Chaidh Coineagan Greumach dhan sgoil-chòmhnaidh Harrow, agus an deigh sin chaidh e dhan Argantain gus crodh a rainseachadh. Dh' fhàs e cliùiteach mar dàna-thurasaiche agus Gaucho. Chaidh e gu Moroco air a chòmhdadh mar sheikh Turcach, bha e a theagasg feannsaireachd ann am Meagsago, agus bha e càirdeil ri Buffalo Bill fhèin ann an Texas.

Ge-tà, fhàd ‘s a bha e thall a’ siubhal, chunnaic e an taobh eile den Impireachd Bhreatannach, agus an cron a bha e a dèanamh air sluaghan tùsanaich. ‘B e Fraudesia a bha aige air Rhodesia. Le sin, thoisich uidh a bhith aige ann am poileataigs. Bhiodh e a dol gu coinneamhan sòisealach far an do thachair e ri Uilleam Morris agus Seòras Bernard Seathach. Ged a bha Coineagan Greumach na fhear uasal beartach, dh’iompaich e gu sòisealachas agus thòisich e air òraidean poileataigeach toirt seachad aig coinneamhan poblach. Bha e na sàr-chainntear agus bha e gu sònraichte math air làimhseachadh duine a bha feuchainn ri stad a chur air.

Sheas e airson tagadh coitcheann agus fhuair e a steach mar libearalach. Anns a phàrlamaid,  bha e a’ bruidhinn gu làidir an aghaidh an Impireachd Bhreatannach nuair nach robh nàiseantas Breatann riamh cho làidir, agus bha e airson fèin-riaghladh airson Na h-Innseachan, Èirinn, agus Alba. Agus a bharrachd air sin, thug e taic don ghluasad còraichean nam bàn cuideachd.

Nas fhaide air adhart, stèidhich e dha dhe na pàrtaidhean poileataigeach as motha ann a' Bhreatainn gus an latha an diugh; am pàrtaidh Làbarach agus am pàrtaidh nàiseanta na h-Alba. A dh'aindeoin seo, chan eil sin a cluinntinn ach mu dheidhinn Keir Hardie.

Bha e cuideachd na sgrìobhadair, sgrìobh esan an leabhar air an robh The Mission stèidhte, film mu dheidhinn na h-Ìosanaich ann a' Paraguaidh le Jeremy Irons agus Liam Neeson.