Oilthigh Obar Dheathain
Facal Suaicheantais Initium sapientiae timor domini
'S e eagal ron Tighearna toiseach ghliocais
Stèidhichte 1495
Suidheachadh Obar Dheathain, Alba
Oileanaich 13,760
Làrach-lìn http://www.abdn.ac.uk/

'S e fear de na h-oilthighean ann an Obar Dheathain, Alba a th' ann an Oilthigh Obar Dheathain.

Colaiste Mharischal

Eachdraidh

deasaich
 
Colaiste an Rìgh

Chaidh a' chiad oilthigh ann an Obar Dheathain a stèidheachadh ann an 1495 leis an easbaig William Elphinstone is Hector Boece na chiad cheannard.[1] An toiseach b' e St. Mary College (Colaiste Naomh Màiri) an t-ainm a bha air, ach an uair sin dh'atharraich e gu King's College (Colaiste an Rìgh). Ann an 1593 chuir George Keith, (còigeamh Iarla Marischal) an dàrna cholaiste air bhonn, Marischal College (Colaiste Mharischal). Chaidh iad ri chèile mar aon oilthigh ann an 1858 leis an Achd nan Oilthighean (Alba). Tha sin a' dèanamh gur e Oilthigh Obar Dheathain an treas oilthigh as sine ann an Alba. Tha leabharlann cliùiteach ann le mu 1,000,000 leabhraichean.

Daoine cudromach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Hector Boece (1456-1536), Scottish Philosopher”. International Association for Scottish Philosophy. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2017.