B'e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Anna 'Nan' Shepherd (1893–1981).

Nan Shepherd
Beatha
Breith Cultair, 11 dhen Ghearran 1893
Dùthaich  Alba
Bàs Obar Dheathain, 23 dhen Ghearran 1981
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain 1915)
Harlaw Academy (en) Translate
Cànain Scottish English (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichte The Living Mountain (en) Translate
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba

Tha i ainmeil airson na nobhailean aice agus an leabhar The Living Mountain (1977); cruinneachadh roisg mun Mhonadh Ruadh. A dh'aindeoin a' bheag a sgrìobh i, tha cliù mòr aice ann an Alba an-diugh agus nochdaidh dealbh dhith air nòta-banca bho Bhanca Rìoghail na h-Alba ann an 2016.[1]

 
Cuimhneachan Nan Shepherd ann an Dùn Èideann

Rugadh i ann an Cùltair agus thogadh i sa Chùilt. Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain agus cheumnaich i ann an 1915.[2][3] Dh'fhuirich i fad a beatha ann an siorrachd Obar Dheathain.[1]

Ann an 1919, fhuair e obair na h-òraidiche a' teagasg Beurla aig an Ionad Trèanaidh do Thidsearan an Obar Dheathain, a chaidh na dhèidh sin ainmeachadh Colaiste Foghlaim Obar Dheathain. Dh'obair i an siud gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 1956.[1]

Bha i eòlach air sgrìobhadairean eile leithid Neil Gunn ris an do chuir i làmh-sgrìobhainn den The Living Mountain.[3]

Dìleab

deasaich

Ann an 2014, rinneadh prògram aithreasach telebhisean air The Living Mountain agus Nan Shepherd le Robert MacFarlane, sgrìobhadair agus sgoilear aig Emmanuel College, Cambridge. Chaidh a chraoladh air BBC 2 Scotland an toiseach air 2 Dùbhalchd 2014.[4]

Ann an 2016, chuir Banca Rìoghail na h-Alba dealbh de Nan Shepherd air an nòta-banca luach £5. 'S e a' chiad turas a nochdas boireannach nach eil anns an teaghlach rìoghail air nòta-banca a' Bhanca Rìoghail.[1][5] Chaidh an tè-saidheans Mary Somerville a thaghadh airson nòta-banca £10 roimhe ach cha nochd na nòtaichean sin gu 2017.[5] Air an nòta fhèin, tha dà rionnach (iasg cudromach do gnìomhachas an èisg an Alba), pàirt den dàn An Roghainn le Somhairle MacGill-Eain, dealbh den Mhonadh Ruadh agus dealbh de Nan Shepherd.[5]

Chlàr Jenny Sturgeon The Living Mountain mar òrain ann an 2020.[6]

Foillseachain

deasaich
  • The Quarry Wood, nobhail (1928)
  • The Weatherhouse, nobhail (1930)
  • A Pass in the Grampians, nobhail (1933)
  • In the Cairngorms, bàrdachd (1934)
  • The Living Mountain, rosg (1977)

Tha sgeulachdan nan trì nobhailean uile stèidhichte a-mach air an dùthaich ann an Siorrachd Obar Dheathain is iad uile le caileag òg mar phrìomh charactar, coltach ris an nobhail Albannach cliùiteach eile, Sunset Song le Lewis Grassic Gibbon.

Sgrìobh Shepherd The Living Mountain anns na 1940an aig àm an Dàrna Chogaidh Mhòir ach cha deach fhoillseachadh gu 1977.

Lorgar barrachd làmh-sgrìobhaidhean agus litrichean le Shepherd aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[1]

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Blog NLS air nòta-banca RBS. 29 Giblean 2016.
  2. Nan Shepherd(Beurla). Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.
  3. 3.0 3.1 'Nan Shepherd: How one woman saw the Cairngorms in a different light' Naidheachdan BBC Scotland aig archive.org. 2 Dùbhlachd 2014.
  4. The Living Mountain: A Cairngorms Journey Làrach a' phrògraim aig a' BhBC.
  5. 5.0 5.1 5.2 Naidheachdan bho RBS
  6. Jenny Sturgeon announces new album ‘The Living Mountain’ and Shares First Single”. Folk Radio. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.